Here is the Gaelic, if it's any help. Séist: Saoil a Mhór am pós thu? Saoil am pós thu Fiollaigean? Saoil a Mhór am pós thu? Theireadh gu leór nach b'urra dhut. Bha dúil gum bu cheannaiche mór thu As an robh stór neo-chumant' Gu facas do phoc ann an órdugh Siubhal air tóir na luideagan. Nuair dh'éireadh am muir ma na beanntan Suas mu na cruinn 'na ultaichean Rachadh a' sgiobair fo rúm innt' 'S dh'fhágadh e chuibhl' aig Fiollaigean. 'S beag a bha dhúil aig do mháthair Gur ann an Arnol thuiteadh tu An déidh cho fileant' 's a bha thu Air an t-snáthaid mhiosailin. Nuair a thigeadh muir-cúil ort Suas mu shúilean Fiollaigean Shealladh e rithist cho geur 'S gum faiceadh e sgiath nan cuileagan. Dhéanadh tu maraich linn-mhóra Dhéanadh tu stóp is buideal ann Chuireadh tu math ann an órdugh Cearcall air tóin nan tubannan. 'S ged a bha Fiollaigean spágach Dhéanadh e ceáird a h-uile fear Chuireadh e lusan 's a ghárradh Chuireadh e cál is curranan. Thog thu taigh-geal ann an Arnol As a robh áird neo-chumanta Staidhrichean cama le sgáthan As a' rúm-árd aig Fiollaigean. 'S bha cuid dhen a chomunn bha suarach Cuid a bha uasal urramach Leann MacEwen cho láidir 'S thog e droch nádar Fhiollaigein. Chaidh litir a' null dhan a Fhraing Is t' eile null a Ruisia Páipearan feadh a' Roinn Eorp' Ag inns' mu phósadh Fhiollaigean.
|