NURSE CAVELL LAMENT by Calum MacPharlain a/k/a Malcolm MacFarlane Fann gaoth na mochthrath ri osnaidhean bròin; Fairge fo uamhunn, is gruaim air na neòil; Saorsa, le h-eagal, air teicheadh gu còs, 'S Eideag Chaithbhèil 'si 'na beuban gun deò. Gnìomh na minaìre thug bàrr a thaobh tnùth Air Herod 's air Néro le 'n reubairean gnùth, Mort na mna mìn thaobh a dìlse 'nar cùis. Dhaibhsan thig dìoghladh, ach dhìthse thig cliù. Dìoghlar e mìghnìomh nam mìstearan thall: Chì sinn ma 's beò, gur i chòir a bhios ann; 'S theid cliù na banghaisgich, o dheachdadh nam peann, Sìos feadh nan linn gus an crìochnaichear àm. Sèimh biodh do chadal, a bhanoglach chaomh; Leigheas nan creuchd b' e do chreuchd air an t-saogh'l; 'S luachmhoire t' èifeachd do chreutairean daor, Ma theagaisg do mhor daibh gur sochair an tsaors'. Published, Stirling: Eneas Mackay, circa 1917.
|