I went poking around the internet a bit and found that the version Julie Fowlis sings is a shorter version of a much longer song. Which I would have realised had I just moved onto the next page in the Gaelic Songster at the NLS! Here are the full lyrics, copied and pasted from a PDF on dasg.ac.uk BIODH AN DEOCH SO ’N LAIMH MO RUIN. SEISD:— Biodh an deoch so ’n laimh mo rùin, Slàinte le fear an Tùir; Biodh an deoch so ’n laimh mo rùin. Oladh no na òladh càch i, Biodh i làn air ceann a’ bhùird. Biodh an deoch, etc. Sùil gu’n d’thug mi thar mo ghuallainn, ’S rinn mi cuairteach air a’ chuan. Biodh an deoch, etc. Chunnacas bàta air an fhairge, ’S lamh dhearg air an stiùir. Biodh an deoch, etc. Chunnaic mi ’dol seach na caoil i, ’S badan fraoich ’s an t-slat-shiùil. Biodh an deoch, etc. Fhir a chunnaic air an t-sàil’ i, Beannaich an long bhàn ’s a crew. Biodh an deoch, etc. Beannaich a croinn àrd ’s a h-acfhuinn, A cuid acraichean ’s a siùil. Biodh an deoch, etc. Ged a tha mi so an Cola, B’e mo thoil e dol a Rùm. Biodh an deoch, etc. Agus as a sin do dh-Uithist, Na ’n d’ fhuair mi mo ghuidhe leam. Biodh an deoch, etc. ’S mairg a shamhladh Cola creagach, Ri Dùnbheagain no Dun-tùilm. Biodh an deoch, etc. Mo rùn air muime nam macaibh, A bhiodh ga’n altrum aig a’ ghlùin. Biodh an deoch, etc. ’S gur-a ladurn’ thuirt am balach, Ri Mac-Cailein an Tùir. Biodh an deoch, etc. Múr a b’e gur tu mo bhrathair, ’S mi nach àicheadh idir thu. Biodh an deoch, etc. ’S e am mac a b’ fhearr na ’n t-athair, An cliù, an aighear, ’s an sùnnd. Biodh an deoch, etc. ’S truagh nach fhaicinn Caisteal Dhubhaird ’Dol ’n a sprudhan anns a’ ghrunnd. Biodh an deoch, etc. Dh’ òlain deoch slàinte Righ Seumas, ’Bhi ga ’éigheach air a’ chrùn. Biodh an deoch, etc. Bidh mi ’nis a’ sgur ga m’ sheisreach, Bho’n tha ’m feasgar ’leagail drùchd. Biodh an deoch, etc.
|