Cha bhi mi buan ’s tu bhith bhuam Thug mi luaidh òg dhut Cha bhi mi buan ’s tu bhith bhuam Chì mi ’m bàta dol seachad Muir a’ sgapadh na bòrdan Mura deachaigh mi mearachd Bha mo leannan ga seòladh Bha mo leannan ga stiùireadh Òigear ùr a’ chùil bhòidhich Òigear ùr a’ chùil bhuidhe O, b’ aithne dhomh òg thu ’S e do bhòidichean fada ’S ghaol, a Lachlainn, a leòn mi O, nam faicinn thu tighinn ’S mi gu ruitheadh nad chòmhdhail ’S mi gu ruitheadh na do choinneimh Air mo bhonnan gun bhrògan Ged tha reothadh glè chruaidh ann ’S sneachda fuar air a’ mhòine
|