Nam shuidhe anns an tobhta seo cho chuin Na deoran a' sileadh is mise ann gun stiùir An tig thu leam, a' ghaol, dha mo chrìdhe Aig crìonadh an là chan eil ach thu à dhith 'S tu an gealach gam tharraing mar an tuil 'S tu an eòlaiche dha mo chrìdhe Thag an uaigneas seo gu dubh orm fhìn Gun thusa, tha mo shaoghal air fad gun chiall Tha na h-eòin air sgaoth, dìreach mar thu fhèin Aig crìonadh an là chan eil ach thu à dhith Thig am oidhch' is tusa nam mo shùil Thig am oidhch', chan ann ach ar dùil Chi mo thu am measg ar cairdean còir' Nach tig thu leam, mo ghraidh, mo mhile stòr Fàgaidh sinn ar cùram fada bhuainn Aig crìonadh an là chan eil ach thu à dhith Gaelic (Scottish) translation by Brian Ó hEadhra
|