Tha mi nam shidh' bho dh'èirich a' ghealach an-raoir A' cur teine sìos gun sgìth is i fada gu geur Tha muinntir an taighe nan laighe is mise leam fhèin Tha na coilich a' gairm 's an saoghal nam cadal ach mi Dh'innsieadh iad dhuinn gur claoite an galar an gràdh Cha do dh'aidich mi e no gun robh e an dèidh mo chridhe a chràdh Bho aicid ro-gheur, ochoin cha sheachnainn-sa i Chur i saighead is ceud gu geur tro mheadhain mo chridh' 'S iad a's àilleadh leam fhèin - do bheul do mhalla is do ghruaidh Do shùil ghorm glè-gheal a thrèig mi aiteas is suairc Le cumha nad dhèidh cha lèir dhomh am bealach a shiubhal Is a charaid mo ghràidh tha na slèibhtean eadar mi 's tu Choinnich bean-sìdhe rium shìos aig Lios Bheal an Àtha is dh'fhaighnich mi dhi am fosgladh glas sam bith gràdh Is thuirt i gu h-ìosal am briathran socair is sèamh "Nuair a thig e nad chridhe cha sgaoiltear às e gu bràth Scottish Gaelic translation from Brian Ó hEadhra
|