source https://www.bbc.co.uk/alba/oran/orain/s_truagh_nach_d_rugadh_dall_mi/ a relationship song written by William Ross Fil ò ro, fil ò ro, fil ò ro hug èile, Fil ò ro, fil ò ro, fil ò ro hug èile, Air fal li li ò agus hò rò hug èile, Chan fhaigh mi cadal sàmhach, A ghràidh, 's gun thu rèidh rium. Is truagh nach robh mis' agus tusa far an iarrainn, Sia latha na seachdain, is seachd, ochd bliadhna, An seòmraichean glaiste le clàidheanan iarainn, Na h-iuchraichean air chall agus dall bhith gan iarraidh. Is truagh nach d' rugadh dall mi, gun chainnt is gun lèirsinn, Mus fhac' mi t-aghaidh bhaintidh, rinn aimhleas nan ceudan. Bhon chunnaic mi bho thùs thu bu chliùiteach do bheusan, 'S gum b' fhasa leam am bàs na bhith làthair às t-eugmhais. Bu bhinne leam do chòmhradh na smeòrach nan geugan, Na cuthag sa mhadainn Mhàighe no clàrsach nan teudan, Nan t-easbaig air latha Dòmhnaich, 's am mòr-shluagh ga èisteachd, Na ged a chunntadh stòras na h-Eòrpa gu lèir dhomh. Is truagh nach robh mi fàgail an t-saoghail seo ro-chianail: Bha dòchas faoin gam thàladh, 's e 'n gaol rinn mo dhìobhail, Ge fada bhuam a shiùbhladh tu rim bheò bhithinn riut dìleas, 'S nuair thigeadh Latha na Cruinne 's e Mòr Ròs a dh'iarrainn.
|