Mo Ghleannan Taobh Loch Lìobhainn- Sally Rankin O 's truagh nach robh mis' ann an gleannan mo ghaoil, Oir tha beannachadh Dhè agus sìth ann'; Tha na h-aibhnean 's na coilltean as bòidhch' air an t-saoghal Ann an gleannan mo ghaoil taobh Loch Lìobhann. Fàile cùbhraidh an fhraoich tighinn thar mullach nam beann, Agus chì thu 'n damh ruadh air an fhrìth ann; 'S ged shiùbhladh tu Alba chan fhaic thu aon ghleann Tha cho bòidheach ri m' ghleann taobh Loch Lìobhann. Air an achadh bheag uaine chaidh lomadh le fàl Bidh na gillean le 'n camain a' strì ann; 'S chan eil buidheann an siorramachd mhór Earra Ghàidheal Tha cho clis ris na suinn taobh Loch Lìobhainn. Tha daoine cho coibhneil 's cho càirdeil 's a' ghleann, 'S chan eil aobhar bhith dubhach no sgìth ann; Ach cho fhad 's a bhios Gàidhlig 'ga sgrìobhadh le peann Bidh mi moladh mo ghleann taobh Loch Lìobhainn. source https://words-and-music.s3.eu-west-2.amazonaws.com/Gaelic+Song/Intermediate/Lesson+6/Mo+Ghleannan+Taobh+Loch+L%C3%ACobhann.pdf
|