Teàrlach òg gun d' fhalbh e uainn, Tèarainte thall thar uchd a' chuain; 'S lìonmhor cridhe brist' a bhios, Mura till e rinn a-rìs. [Sèisd:] O nach till thu rinn a-rìs, O nach till thu rinn a-rìs, Gaol nas blàithe chaoidh cha bhi, Na gaol nan Gaidheal dhut-sa, rìgh. Dh'earb thu anns na Gaidheil fhìor, Ghràdhaich iadsan thu le'n cridhe, Rinn iad d' fhalach anns a' ghleann, Nuair a dh'iarr an nàmh do cheann. 'S binn an smeòrach anns a' choille Seinn le sòlas ri uchd soills', Ach ge binn, gur trom mo chridhe, Chionn nach till thu rinn a-rìs.
|