Tugainn leamsa 's dean cabhaig 's theid sinn thairis a null Dh'eilean uasal na Gaidhlig rinn ar n-arach 'nar cloinn Tir nan treun-fhear is calma choisinn ainm a measg Ghall 'S theid sinn comhla a leannainn thir an rainich a null Ni sinn gluasad gu dana suas na braighean 's na caoil Gheibh sinn aiseag gu sabhailt null gu aite mo ghaoil 'S nuair a bhuaileas i'm bagh ann cluinn' tu 'Ghaidhlig gach taobh 'S gheibh sinn aoigh agus failte 'n eilean baigheil an fhraoich Chi thu muir, chi thu mointeach chi thu moine mu'n cuairt Chi thu cnuic ghlas is leoidean air am b'eolach sinn uair Chi thu machraichean comhnard 's tha gu leor dhiubh air tuath Ann an Nis, ait' 's boidheach thogadh og ann mi suas Chi thu Tiumpan tha aosmhor air aidann nan stuagh 'S tric tha sholus toirt saorsainn so na laoich th'air a chuan 'S iomadh bat' th'air a sgiursadh 's i gun churs ri droch uair Rinn an soills' ud a stiuireadh steach an cuiltean Loch-a-Tuath Chi thu iasgairean turail 's fhearr air stiuireadh cur lion Mach a cladach Phort-nan-Giuran b'e sud cliu bh'ac a riamh Sud am baile rinn d'arach 's fhuair thu gradh ann is dion 'S chi thu 'n dachaidh a dh'fhag thu mar a bha i bho chian 'S nis nach aontaich thu, rùin, leam 's dèan co-dhùnadh air ball Leig do shoraidh gun smuairean le dùthaich nan Gall Dol gu fearann ar sinnsir bha cho strìtheil na cheann 'S nì sinn tàmhachd san tìr sin gus an sìnear sinn ann
|