séisd: Glòir do'n Athair, d'on Mhac, 'S don Spiorad ro naomh, Fad shaoghal nan saoghal, Amen. Cuiridh facal do bhàidh Ana-Crìosdaidh gu nàir', Caisbheart Soisgeul nan Gràs oirnn gach uair; Sgiath a' Chreidimh gar dìon Bho làimh anamiann, Claidheamh spioradail diadhaidh ar buaidh. Nis sàbhailt' air tìr Bheir sinn adhradh do'n Tì, Do dh'Athair na Glòrach ar Rìgh; Bho Eirinn gu Alb' Ar lochran 's ar n-earbs' Feadh aisridhean gàbhaidh a' chuain. An Doire choillteach mo ghràidh Thug sinn anmoch is tràth Adhradh do'n ainm thar gach ainm. O taing dhut, a Dhia, Thug dhuinn eòlas na Trian Ann an eileanan cianail a' chuain. Beannaich Thusa mo thaigh, a Thrionaid ro mhìn, A Mhoire 's a Mhìcheil 's a Bhrìghd', Bho mhullach gu bonn, Gach spàrr agus crann, Is an sluagh a nì tuineachas ann
ciarili
|