The Mudcat Café TM
Thread #91311   Message #1736642
Posted By: George Seto - af221@chebucto.ns.ca
09-May-06 - 07:47 PM
Thread Name: Origins: Leis a Lurighan / Leis an Lurgainn
Subject: Lyr Add: LEIS AN LURGAINN
Here's the full song:

Leis an Lurgainn


Séist:M/b>
Leis an Lurgainn o hì,
Leis an Lurgainn o hó,
Beul an anmoich o hì,
'S fheudar falbh le 'cuid seòl.



1
An Cuan Eirinn o hì,
Muir ag éirigh o hò,
Cha bu léir dhuinn o hì,
Nì fo'n ghréin ach na neòil.


2
Seachad Ile o hì,
'M beul na h-oidhche o hò,
Las sinn coinnlean o hì,
'S chuir sinn combaist air dòigh.


3
Seachad Aros o hì,
Bha i gàbhaidh o hò,
'N fhairge làidir o hì,
Suas gu bàrr a' chroinn-sgòid.


4
Thuirt an sgiobair o hì,
Ri chuid ghillean o hò,
"Glacaibh misneach o hì,
'S deanaibh dì
chioll, a sheòid."


5
"Mar bu nòs dhuibh o hì,
Seasaibh dileas o hò,
'Bheil e coltach o hì,
Gu'n tig dosgainn 'n ar còir?"


6
"Suas a h-aodach o hì,
Ri 'croinn chaola o hò,
'Snàmh cho aotrom o hì,
Ris an fhaoilinn air lòn."


7
"Muir 'ga bualadh o hì,
Taobh an fhuaraidh o hò,
Bith'dh sinn buadhar o hì,
'S gillean uallach air bò
rd."