The Mudcat Café TM
Thread #26070   Message #3078708
Posted By: maple_leaf_boy
20-Jan-11 - 12:11 PM
Thread Name: Scottish Emigrant Songs
Subject: Lyr Add: OCH NAN OCH, THA MI FO MHULAD
Here's an emigrant's song, lamenting about having left Scotland. I think the composer eventually returned to Scotland.

"OCH NAN OCH, THA MI FO MHULAD"

Nuair a rinn mi airson fàgail
Fhuair mi beannachd mo chàirdean
Ghabh mi 'n t-aiseag air a' bhàt'
Gu ruig' sàil nam beann mòr.

Och nan och, tha mi fo mhulad
Dhomhsa tha mo chòmhradh duilich
'S cruaidh an càs ach 's fheusar fhulang
'S mi fuireach ann an coille mhòir.

Nuair a thàinig mi air fòrladh
A dh'Ameireagaidh a chòmhnaidh
Chunnaic mi a' sin luchd-eòlais
Anns gach dòich sa robh iad ann.

Chunnaic mi a' sin na càirdean
'S daoine nach robh idir blàth rium
Bidh mi cuimhneachadh na dh'fhàg mi
Tarraing ràmh sa seatadh seòl.

Bidh mi cuimhneachadh Sgir' Uige
Far a bheil na daoine cliùteach
'S tric a dh'fhàg sin mo shùilean
'S 'ad a' sileadh driùchdan deòir.

'S tric mi cuimhneachadh na h-àrmuinn
Bhiodh cho snasail Là na Sàbaid
Clann-nighean òg bu bhinne gàire
Tighinn air fàire Stiogha Mhòir.

'S beag bha dhùil agam an uairsin
Gun tiginn a-null thar chuaintean
Far eil iomadh seòrsa truailleadh
Gu bhith buaireadh a' chrìdh' òig'.

Far eil Èireannaich is Frangaich
Agus Sasannaich na Galldachd
Daion' aig a bheil ioma cainnt'
Nach tuig mo cheann-sa ri mo bheò.

Ach thèid mis' air ais do Leòdhas
Àite còmhnaidh, seasmhach, bòidheach
Mairidh mi gu crìoch mo là ann
'S gheibh mi sòlas ann ri m' bheò.