The Mudcat Café TM
Thread #28813   Message #360670
Posted By: GUEST,Philippa
20-Dec-00 - 06:26 PM
Thread Name: Lyr Req: Oidhche Mhaith Leibh (Scottish blessing)
Subject: Lyr add: OIDHCHE MHATH LEIBH (John MacFadyen)
OIDHCHE MHATH LEIBH
words by John MacFadyen (Mòd 1897)

[seisd/chorus] Soraidh leibh is oidhche mhaith leibh
Oidhche mhaith leibh, beannachd leibh
Guidheam slàinte ghnàth bhith mar riubh.
Oidhche mhath leibh, beannachd leibh.

Chan 'eil inneal ciùil a ghleusar
Dhùisgeas smuain mo chlèibh gu aoibh,
Mar nì duan o bheòil nan caileag.
Oidhche mhaith leibh, beannachd leibh.

'S guth gu m' chridhe pong nan òran
Caidir? solais oigridh 'seinn;
Aiteal ciùin air laithean m'oige;
Sonas a bhi'n còmhnuidh leibh.

Mathair uisge 'n tobair fhioruisg',
Cainnt ar sinnsir brigh na loinn;
'S faochadh tlàth o anradh m'intinn
Nuair bheir rann na glinn a'm chuimhn'.

Grian cha laidh an nochd air miltean.
Leis am binn a fuinn 's a roinn.
'S do'm bi'n sgeul 'na mhòr thoil-intinn
Dh'innseas dhaibh gu'n robh sinn cruinn.

Astar cuain cha dean ar sgaradh,
'S dùrachd daimh am bannaibh toinnt'.
Gleidh an t-agh na d'fhàg a bheannacht;
Oidhche mhath leibh, soiridh leibh.

Thuit ar crann air saoghal carach [corrach]
'S coma sud, tha mhaitheas leinn;
"Bidh sinn beo an dòchas rò-mhath":
Oldhche mhaith leibh, beannachd leibh


main source: "A' Choisir-Chiuil, The Saint Columba Collection of Gaelic Songs". London and Glasgow: Bayley and Ferguson (no date given)