The Mudcat Café TM
Thread #104465   Message #4092894
Posted By: RunrigFan
12-Feb-21 - 10:48 PM
Thread Name: ADD: The Old Churchyard (Watersons, et al)
Subject: RE: Lyr Req: The Old Churchyard (Watersons)
A Gaelic translation

Thugainn còmhla riums’ dhan t-seann chladh thall,

Oir b’ eòl leam an t-sligh’ fon an fheur maoth, glas

Tha ar càirdean nan suain 's nan tàmh ann gu bràth,

Aithnichidh sinn ainmean san t-seann chladh thall



Na bithibh fo bhròn, tha an deuchainnean dèant’

’S ci’n fàth bhith gan caoidh 's nach bi dragh’ orr’ a-rithist?

Oir socair an cadal, ged fuar agus trom

A’ chluasag fo cheann san t-seann chladh thall



Is tha fhios g’ eil e faoin nuair a thig am bàs,

Bhith cagar bhriathran coibhneil do chridhe sgàint’

Is tha fhios gum bi aoibhneas ar beathannan caillt’

Nuair leanamaid ar càirdean dhan t-seann chladh thall



Nam bithinn nam thàmh fon chraoibh ud thall,

Na bithibh gam chaoidh ’s mi sìnte san fhonn

’S mi tha airsneulach, claoidhte, na cuiribh idir maill

Air an t-sìth tha ri faotainn san t-seann chladh thall



Na bithibh fo bhròn ’s mi deis’ a dhol ann,

Gu cala mòr a’ ghlòir far nach sruth deòir fann

’S cha bhi eagal orm siubhal don uaigneas ud thall

Far an d’ fhuair ar Tighearna a’ bhuaidh nach gann



’S mi beò ann an dòchas, air aon latha brèagha,

Gun làigh deò-grèin’ air a’ phrìosan sa chrèadh

Is dùisgidh na mairbh ri fonn Ghabriel

’S ri do ghuth-sa a Dhia san t-seann chladh thall.

https://www.sian-music.com/lyrics
https://www.discogs.com/Sian-Sian/release/14915652