The Mudcat Café TM
Thread #170005   Message #4110360
Posted By: RunrigFan
16-Jun-21 - 09:34 AM
Thread Name: Lyr Add: Mo Chailin Dileas Donn (H. MacKenzie)
Subject: RE: Lyr Add: Mo Chailin Dileas Donn (H. MacKenzie)
Cliar

Gu ma slàn a chì mi        
Mo chailin dìleas donn        
Bean a chuailein rèidh air        
An deas a dh'èireadh fonn        
'S i cainnt do bheòil bu bhinne leam        
An uair bhiodh m' inntinn trom        
'S tu thogadh suas mo chridh'        
Nuair a bhiodh tu bruidhinn rium        

Gur muladach a ta mi        
'S mi nochd air àird a' chuain        
Neo-shunndach mo chadal dhomh        
'S do chaidreamh fada bhuam        
Gur tric mi ort a' smaointinn        
As t' eugmhais tha mi truagh        
Is mur a dèan mi t' fhaotainn        
Cha bhi mo shaoghal buan        

Tacan mu'n do sheòl sinn        
Is ann a thòisich càch        
Ri innseadh do mu chruinneag-sa        
Nach tillin-sa gu bràth        
Na cuireadh siud ort gruaimean        
A luaidh, ma bhios mi slàn        
Cha chùm dad idir uait mi        
Ach saighead chruaidh a' bhàis        
        
Tha'n t-snaidhm a-nise ceangailte        
Gu daingeann agus teann        
Ged theireadh càch, 's iad fanaid rium        
Nach eil mo phrothaid ann        
Am fear aig a bheil fortan        
Tha crois aige na cheann        
'S tha mise taingeil, toilichte        
Ged tha mo sporan gann        
        
Gu ma slàn a chì mi        
Mo chailin dìleas donn        
Bean a chuailein rèidh air        
An deas a dh'èireadh fonn        
'S i cainnt do bheòil bu bhinne leam
An uair bhiodh m' inntinn trom        
'S tu thogadh suas mo chridh'        
Nuair a bhiodh tu bruidhinn rium