The Mudcat Café TM
Thread #170045   Message #4111608
Posted By: RunrigFan
27-Jun-21 - 01:57 PM
Thread Name: Lyr Add: Ghruagach Og An Fhuilt Bhain
Subject: Lyr Add: Ghruagach Og An Fhuilt Bhain
Gruagach òg an fhuilt bhàin,
Èist ri bàrdachd mo bhilean;
Thoir dhomh gealladh thar chàich
'S air do sgàth nì mi tilleadh;
Ged 's iomadh tè san robh m' ùidh
Anns gach dùthaich is cinneadh,
O, nach aontaich thu leams',
'S mi bhiodh sunndach gad shireadh.

Ged theireadh do chàirdean
Gur tràth thug mi 'n gealladh,
Do ghruagach òg an fhuilt bhàin
A chaidh àrach am Barraigh;
'S iomadh fear anns gach àit'
Rinn a nàdar a mhealladh -
Cò bheir maorach à tràigh
Nuair tha 'n làn air dhol thairis?

'S truagh nach robh mi mar eun,
It' a sgiathan gun ghiorradh,
'S mi gun siùbhladh san iarmailt
'S mi nach iarradh gu tilleadh;
Bu mhòr m' aighear 's mo shunnd
Togail cùrs' thar gach linne,
'S nuair a dhealaicheadh tu rium
Bhiodh mo shùilean a' sileadh.

Cha do rugadh an òigh
Bhon a thòisich an cruinne
Bha cho ceanalt' na dòigh
Is bha an còrr ort an grinneas
'S bòidhche sealladh do shùil
'S d' anail chùbhraidh ro mhilis
Gura h-àill thu na flùr
A laigh driùchd air a dhuilleach.

Chuir mi ùidh na do bhòidhchead
'S bha do chòmhradh leam taitneach
Do dha ghruaidh mar an ròs
Anns gach dòigh bha thu tlachdmhor;
Is mi nach iarradh leat stòr
Nam faighinn còir ort le ceartas -
Tha mo ghaol ort cho mòr
'S nach eil dòigh aig air seacadh.

Chaidh do chliù chur an dàn,
'S tha do chànan aig filidh,
Chaidh a thogail is àrach
Ann am fàsaichean Uibhist;
'S e gaol carraig nan àl
Leanas nàdar an duine,
'S tu mo reul fad gach latha
'S bidh mo ghràdh far an suidh thu.

Bheir mo shoraidh gu bràth
Leis a' mhàthair a ghin thu,
'S a thug dhut bainne blàth
A thug fàs ort an grinneas;
'S ged a gheibhinn de dh'òr
Na tha 'n stòras na cruinne
Bhiodh mo chridh' ort an tòir
Ged bhiodh tu pòsda ri millean.

Ged a gheibhinn dhomh fhìn
A h-uile nì a th' air talamh
Agus tusa gam dhìth,
Gu dè bhithinn-s' ach falamh?
'S gus an tèid mi don chill
Air mo shìneadh an anart
Tha mi 'n geall air bhith tinn
'S cha dèan lighich' mi fallain.

Source BBC Alba Orain site https://www.bbc.co.uk/alba/oran/orain/gruagach_og_an_fhuilt_bhain/


Some recordings

1981 - Arthur Cormack
1984 - Rhona MacKay
1987 - Willie John Macaulay
1987 - Norman MacLean
1993 - Alasdair Gillies
1996 -The Clan MacColl as a instrumental medley
2003 - Donnie Munro
2016 -Alexis MacIsaac & Calum MacKenzie


Written by Donald Allan MacDonald