The Mudcat Café TM
Thread #170590   Message #4125688
Posted By: RunrigFan
09-Nov-21 - 09:11 PM
Thread Name: Lyr Add: Balaich An Iasgaich
Subject: Lyr Add: Balaich An Iasgaich
Balaich An Iasgaich was written by Donald Morrison

A fishing song that tells of the hardship of being a fisherman

It appears on Fiona Mackenzie and Arthur Cormack album         Seinn! O Ho Ro Seinn! release in 2003

Lyrics from the album

Fàilte gu fearann air balaich an iasgaich        
'G iomradh 's a tarraing 's a gearradh a'bhiathaidh        
Coma leam leabaidh no cadal no biadh
Gu faigh mi mo lìon an òrdugh

Siud agaibh na balaich a sheasadh an cruadal        
Sìnt' air a bhallaist gun phealaig mun uachdar        
Còignear no seisear 's an lethcheann air cluasaig        
Ulpagan cruaidhe Cheòsain

Bàtaichean Gallach a gearradh an t-sìobain        
Beatadh gu cala an agaidh sruthlìonaidh        
Bàtaichean biorach aig Nisich is Siaraich        
Fada mun iar air Rònaidh

B'fheàrr leam an leabaidh na gàbhadh nan tonn        
Is plaide mo mhàthar 's mo làmh fo mo cheann        
B'fheàrr na bhith lathadh fo fhasgadh nan crann        
'G èisteachd ri srann nan ròpan

Fàilte gu fearann air balaich an iasgaich        W
'G iomradh 's a tarraing 's a gearradh a'bhiathaidh        
Coma leam leabaidh no cadal no biadh        
Gu faigh mi mo lìon an òrdugh