The Mudcat Café TM
Thread #171213   Message #4140553
Posted By: RunrigFan
28-Apr-22 - 06:24 PM
Thread Name: Lyr Add: Bu tu mo chruinneag bhoidheach
Subject: Lyr Add: Bu tu mo chruinneag bhòidheach
Fill-iù oro hù o
bu tu mo chruinneag bhòidheach
Fill-iù oro hù o.

Dheighinn dhan a' ghealaich leat
Nan gealladh tu mo phòsadh.

Dheighinn leat a dh'Uibhist
Far am buidhicheadh an t-eòrna.

Dheighinn leat a dh'Èirinn
Gu fèill nam ban òga.

Dheighinn dha na rionnagan
Nam biodh do chuideachd deònach.

Dheighinn leat an ear 's an iar
Gun each, gun srian, gun bhòtainn.

Mise muigh air cùl na tobhta
'S tusa staigh a' còrdadh.

Mi 'g èisteachd ris na diùcannan
A' cur do chliù an òrdugh.

'S ag èisteachd ris na h-iarlachan
Gad iarraidh gus do phòsadh.

'S chuala mi na ministearan
A' bruidhinn air do bhòidheachd.