The Mudcat Café TM
Thread #171716   Message #4154081
Posted By: RunrigFan
28-Sep-22 - 04:19 PM
Thread Name: Lyr Add: Canan Nan Gaidheal
Subject: RE: Lyr Add: Canan Nan Gaidheal
Ishbel MacAskill
        
        
Sèist:        Chorus (after each verse):
Thig thugainn, thig cò' ruim gu siar        
Gus an cluinn sinn ann cànan nam Fèinn
Thig thugainn, thig cò' ruim gu siar        
Gus an cluinn sinn ann cànan nan Gàidheal        
        
Nuair chithear fear fèilidh 's a' ghleann
Bu chinnteach gur Gàidhlig a chainnt        
Nuair spìon iad a fhreumh às an fhonn        
An àite Gàidhlig tha cànan a' Ghoill        
Is Ghaidhealtachd creadhal nan sonn        
'S tìr "mhajors" is "cholonels" 'n-diugh innt'        
        
Thoir a-nuas dhuinn na coinnleirean òir
'S annta càraibh na coinnlean geal, cèir        
Lasaibh suas iad an seòmar a' bhròin        
Taigh aire seann chànan a' Ghàidheil        
Se siud o chionn fhad' thuirt an nàmh        
Ach fhathast tha beò cànan a' Gàidheal        
        
Ged a theich i le a beath' às na glinn        
Ged na cluinnear a-nis muigh i san Dùn        
O Dhùthaich Mhic Aoidh fada tuath        
Gu ruig thu Druim Uachdair nam bò        
'S iathadh nan Eileanan Siar
Si fhathast ann ciad chainnt an t-slòigh