The Mudcat Café TM
Thread #169335   Message #4159246
Posted By: RunrigFan
29-Nov-22 - 08:38 PM
Thread Name: Lyr Add: Nach Fhreagair Thu, Cairistiona
Subject: RE: Lyr Add: Nach Fhreagair Thu, Cairistiona
Nach fhreagair thu, Chairistiòna? [i]

È hó hì ura bhì
Ho ro ho ì, ó ho ro ho,
È hó hì ura bhì.

Nach fhreagar thu, Chairistiona?
          È hó, etc.
[Nach fhreagair thu, chuilein dhìlis?]
Nam freagradh, gun cluinninn fhìn thu,
            È hó, etc.

Bha mi bliadhna 'n cùirt an rìgh leat [ii
'S ged chanainn e, bha mi an trì ann –
Fuaigheal anairt, a’ gearradh shìoda,
'S a' cur grainn'[iii] air léinidh rìomhaich

Atharraich

Thug mi turas do Ghleann Comhann,
'S bha 'm muir àrd 's an caolas domhain[n]
Gheàrr mi leum 's cha d’rinn mi thomhas
Gun leum na h-uiseagan romham
'S thuirt iad rium nach dèanainn gnothach,

Nach fhaighinn mo mhuime romham,
Ceann na cèille, beul na comhairl’,
Sgrìobhadh 's a leughadh an leabhar;
Bhìodh na h-uaislean ort a’ tadhal
Cha b’ ann gu mealladh an gnothaich.

Atharraich

'S iomadh long is bàrc is birlinn
Is luingeas a tha 'm beul Chaol Ìle
Tighinn a dh’ iarraidh Cairistìona;
Chan ann gu pòsadh mhic rìgh leat,
Gus do chur 'san talamh ìseal,
Fo leaca troma na dìleann.

Atharraich

Fhleasgaich oig na gruaige duibhe,
'S ann an nochd as mòr do mhulad;
Do leannan a-staigh fo dhubhar
An ciste nam bòrd air a cumadh,
An dèidh na saoir a bhith 'ga dubhadh.