The Mudcat Café TM
Thread #171913   Message #4159253
Posted By: RunrigFan
29-Nov-22 - 09:16 PM
Thread Name: Lyr Add: Togail Curs Air Leodhas
Subject: Lyr Add: Togail Curs Air Leodhas (Traditional)
Tugainn leamsa 's dean cabhaig 's theid sinn thairis a null        
Dh'eilean uasal na Gaidhlig rinn ar n-arach 'nar cloinn        
Tir nan treun-fhear is calma choisinn ainm a measg Ghall        
'S theid sinn comhla a leannainn thir an rainich a null        
Ni sinn gluasad gu dana        suas na braighean 's na caoil        
Gheibh sinn aiseag gu sabhailt        null gu aite mo ghaoil        
'S nuair a bhuaileas i'm bagh ann cluinn' tu 'Ghaidhlig gach taobh
'S gheibh sinn aoigh agus failte 'n eilean baigheil an fhraoich        
        
Chi thu muir, chi thu mointeach        chi thu moine mu'n cuairt        
Chi thu cnuic ghlas is leoidean        air am b'eolach sinn uair        
Chi thu machraichean comhnard 's tha gu leor dhiubh air tuath        
Ann an Nis, ait' 's boidheach thogadh og ann mi suas        
        
Chi thu Tiumpan tha aosmhor air aidann nan stuagh        
'S tric tha sholus toirt saorsainn so na laoich th'air a chuan        
'S iomadh bat' th'air a sgiursadh 's i gun churs ri droch uair        
Rinn an soills' ud a stiuireadh        steach an cuiltean Loch-a-Tuath        
        
Chi thu iasgairean turail 's fhearr air stiuireadh cur lion        
Mach a cladach Phort-nan-Giuran        b'e sud cliu bh'ac a riamh        
Sud am baile rinn d'arach 's fhuair thu gradh ann is dion        
'S chi thu 'n dachaidh a dh'fhag thu mar a bha i bho chian        
        
'S nis nach aontaich thu, rùin, leam 's dèan co-dhùnadh air ball        
Leig do shoraidh gun smuairean le dùthaich nan Gall        
Dol gu fearann ar sinnsir bha cho strìtheil na cheann        
'S nì sinn tàmhachd san tìr sin        gus an sìnear sinn ann