Oran an Téine
le Lachlainn Mac Mhuirich, am Bard Ruadh
'S tim dhomh dol an ordugh
Is teannadh ri òran
Mu 'n duine rinn an dobheart
Bu choire dhuinn 'aoireadh,
Nuair leig e' n téin' air fogradh
A mach air feadh nam frogaibh,
'S nuair chaidh e feadh na coinich
Bha 'n seo feadh an t-saoighail.
séist:
Nach nar an sealladh e 's an Eilean,
Smearsaid air feadh na beinne,
Pàirceannan chuir 'n an téine
Le coire chlann daoine.
Bu turus na truaighe
Nuair thug e 'n teine suas leis
G"u"n chuir 's a' mhosgan ruadh
Gus na ghual e 'n a chraoslach;
Nuair fhuair an soirbheas greinn air,
'S a chaidh e anns an droighnich
Chan fhaicamaid ach soills'
Agus boilsgeach gach taobh dhuinn
Gur e Dòmhnull Raonuill
An uair sin bha 'n a eigin
A teicheadh as a leine,
Ag eigheach 's a' glaodhaich;
Anna 's i fo ghruaman,
Rannaidh an taobh shuas dhi,
'S thug Alasdair as ruaig
Mar gu 'm bualach an caoch e.
Sin far an robh smuid
Nuair a chaidh e 's an "spruis" dhluth,
Ghabh e mach air feadh a' Chùil
'S gur e 'n Grudair a dhioghail;
Nuair loisgeadh air a' phàirc
Is a mhilleadh am buntata,
Ged theannadh iad ri bhathadh
Cha b' fheirrd iad an saothair
'S ann feasgar Di-Domhnaich
Bha nathraichean 'g am fogradh,
Bha maighich air an rosladh,
Is coin air an slaopadh;
B' e sud an gnothach graineil
Dh' an fhear a chuir 'n an smàl iad;
Cha ghearain sinn gu brach air
Bho 'n shabhail na doine
'S iomadh maigheach targhlas
Bha ruith air feadh an àite,
An Glagaire 'g an tarsdal,
'S e lan dhe 'n cuid gaoinne
Gu 'n coinneachadh 's gach àite
'S air feadh na pàirc bhuntata,
Gu 'n d' fhuair e 'n cuir an sas
Ann am bathach nan caorach.
'S iomadh madadh-ruadh
A bha ruith air feadh nam bruach,
An iorbaill air an guaillean,
Gu luath feadh an aonaich;
Na fithich 's iad ag eigheach,
Na rocaisean 'n an eigin,
Na smeoraich iad fhéin,
Thug iad reug, 's chan e 'n ioghnadh.
Tha mi ann an dochas
Gu 'n éisd sibh ris an òran,
A' h-uile duine beò
A tha comhnaidh an taobhan;
Gu 'n toir sibh 'n air e 'n comhnuidh
Ur gnathach a bhith doigheil,
'S gun téine chuir ri eoin
Gus am pog a chuir aog oighn