|
||||||||
Lyr Add: Am Fear Teiche (Murdo MarFarlane)
|
Share Thread
|
Subject: Lyr Add: Am Fear Teiche (Murdo MarFarlane) From: RunrigFan Date: 26 Sep 22 - 07:56 PM Nuair bhios ain-iochd an àite truais A' riaghladh shìos 's a 'riaghladh shuas 'S nach nochd fear iochd mur faigh e duais, 'S do Nagasaki nithear luath, 'S nach casaid Crìosdaidhean aon uair Ach orms Di-Dòmhnaich o'n chaidh cuairt, Séisd:- Their mi, theirigeadh an saoghal bun-os-cionn Theirigeadh, ach tarruingidh mi phlaide mu mo cheann, O Rìgh tarruingidh, O tarruingidh mi srann. Nuair bhios clann-daoin' le dìobhail céill Ri moidheadh tur-sgrios air a chéil Le boms na h-atom 's hydrogen, Sèisd: Nuair bhios eaglaisean a' teagasg gràidh 'S iad ri chéile mar dhà nàmh, Suas togaidh mise mo dhà làimh, Seisd: Nuair bios an Ruis 's Ameiriga mhór Le bus ri bus is dòrn ri dòrn, A'bagairt tur-sgrios a thoirt oirnn Is mise is tus' mar fheòirean feòir Ar guth-gearain lag gun treoir Mar air iarunn fuar an t-òrd, Nuair gheibh mi m'aran air bòrd grinn 'S gun mheas air treabhaich' bochd an fhuinn Le fhallus tha toirt arain dhuinn, 'S a chì air teilidh mi 's a chluinn Fear eile sgriachail àird a chinn 'S nì mile not e 's an aon oidhch', Sèisd: Nam bu shlat thomhais luach ar duais Cha bhiodh am fear nach d'chuir ri buain, Nuair chì me neach le fallus gruaidh, Neach eile càrnadh ionmhais suas A dhealachas ris aig beul na h-uaigh, Their mi "Cheartais, cà 'il do bhuaidh?" Nuair thruailleas sinne gu ar deòin Am muir, an t-iasg, agus na h-eòin, S an abhainn uair deoch ás na dh'òl Na bochan truaillt'gun innt'nì beò, Is Nemesis a; bagradh oirnn, Seadh, dìoghaltas dearg air linn-na-sògh, Sèisd Nuair bhios Crìostaidhean ag innse dhuinn Mu dhùthaich ghrinn taobh thall na h-aibhn' Anns nach bi bròn no duine tinn 'S am bi iad sòlasach ri seinn 'S gun chabhag oirre faighinn innt' 'S m' eas-creidimh-sa ri 'g iarraidh cinnt, Sèisd Nuair bhios g'a chéile daoin' am fuath S nach bi iad réidh ré réis a cuairt, Sìos an rathad beag geàrr th'eadar creadhail agus uaigh, Seisd: Powerful poem, written for the world we live in today One version https://music.youtube.com/watch?v=y851cJdwAds&feature=gws_kp_track - Lochies |
Subject: RE: Lyr Add: Am Fear Teiche (Murdo MarFarlane) From: RunrigFan Date: 26 Sep 22 - 07:56 PM http://cabraich.edicy.co/naidheachd/am-fear-teiche |
Share Thread: |
Subject: | Help |
From: | |
Preview Automatic Linebreaks Make a link ("blue clicky") |