Here's an emigrant's song, lamenting about having left Scotland. I think the composer eventually returned to Scotland. "OCH NAN OCH, THA MI FO MHULAD" Nuair a rinn mi airson fàgail Fhuair mi beannachd mo chàirdean Ghabh mi 'n t-aiseag air a' bhàt' Gu ruig' sàil nam beann mòr. Och nan och, tha mi fo mhulad Dhomhsa tha mo chòmhradh duilich 'S cruaidh an càs ach 's fheusar fhulang 'S mi fuireach ann an coille mhòir. Nuair a thàinig mi air fòrladh A dh'Ameireagaidh a chòmhnaidh Chunnaic mi a' sin luchd-eòlais Anns gach dòich sa robh iad ann. Chunnaic mi a' sin na càirdean 'S daoine nach robh idir blàth rium Bidh mi cuimhneachadh na dh'fhàg mi Tarraing ràmh sa seatadh seòl. Bidh mi cuimhneachadh Sgir' Uige Far a bheil na daoine cliùteach 'S tric a dh'fhàg sin mo shùilean 'S 'ad a' sileadh driùchdan deòir. 'S tric mi cuimhneachadh na h-àrmuinn Bhiodh cho snasail Là na Sàbaid Clann-nighean òg bu bhinne gàire Tighinn air fàire Stiogha Mhòir. 'S beag bha dhùil agam an uairsin Gun tiginn a-null thar chuaintean Far eil iomadh seòrsa truailleadh Gu bhith buaireadh a' chrìdh' òig'. Far eil Èireannaich is Frangaich Agus Sasannaich na Galldachd Daion' aig a bheil ioma cainnt' Nach tuig mo cheann-sa ri mo bheò. Ach thèid mis' air ais do Leòdhas Àite còmhnaidh, seasmhach, bòidheach Mairidh mi gu crìoch mo là ann 'S gheibh mi sòlas ann ri m' bheò.
|