I've been able to find translations on the chorus and a verse or two of this song but I'd love to know the meaning for the whole thing. Any help would be appreciated! 1 Cha'n 'eil inneal ciùil a ghleusar, Dhùisgeas smuain mo chléibh gu aoibh Mar ni duan 'o bheòil nan caileag; Oidhche mhath leibh, beannachd leibh. (Séist) Soiridh leibh 's oidhche mhath leibh Oidhche mhath leibh, beannachd leibh; Guidheam slàinte ghnàth bhi mar ruibh; Oidhche mhath leibh, beannachd leibh. 2 'S guth gu 'm chridhe pong nan òran, Caidir sòlais òigridh 'seinn; Aiteal ciùin air làithean m'òige; Sonas a bhi'n còmhnuidh leibh. (Séist) 3 Mathair uisge 'n tobair fhìoruisg', Cainnt ar sinnsir brìgh na loinn; 'S faochadh tlàth o ànradh m'inntinn, 'Nuair bheir rann na glinn a'm chuimhn', (Séist) 4 Grian cha laidh an nochd air mìltean, Leis am binn a fuinn 's a roinn, 'S do'm bi'n sgeul 'na mhór thoil-inntinn Dh'innseas dhaibh gu'n robh sinn cruinn. (Séist) 5 Astar cuain cha dean ar sgaradh, 'S dùrachd daimh am bannaibh toinnt'; Gleidh an t-àgh na dh'fhàg a bheannachd; Oidhche mhath leibh, beannachd leibh. (Séist) 6 Thuit ar crann air saoghal carach; 'S coma sud, tha 'mhaitheas leinn; "Bidh sinn béo an dòchas ra-mhath," Oidhche mhath leibh, beannachd leibh. (Séist)
|