Còmhla rium A tha thu an dràsd Mo shuilean duinte, mo chuimhne dàn Nam sheasamh a' coimhead Gach cnoc is gach tràigh Is an sìol a dh' fhàg thu ann a' fàs Tha an gàrradh làn Le craobhan treun Le meas a' fàs dhuinn ann ri bhuain Ubhlan abaich Milis geur Ach tha aon ubhal nach ruig sinn idir air Seididh gaoth is dearrsaidh grian Tro mheas nan craobhan linn gu linn Ach thig an là is thig an t-àm Airson an ubhal as àirde Air a' chraobh a' bhuain Is cò 'nar measg A mhaireas là Seachad air àm is air oidhche fhèin A' liuthad uair A shreap mi suas Airson an ubhal as àirde chur gu beul Seididh gaoth is dearrsaidh grian Tro mheas nan craobhan linn gu linn Ach thig an là is thig an t-àm Airson an ubhal as àirde Air a' chraobh a' bhuain
|