Lyrics & Knowledge Personal Pages Record Shop Auction Links Radio & Media Kids Membership Help
The Mudcat Cafesj



User Name Thread Name Subject Posted
RunrigFan Lyr Add: Dòmhnall an Dannsair (Donald the Dancer) (5) RE: Lyr Add: Dòmhnall an Dannsair (Donald the Dancer) 05 Mar 21


Doimnic Mac Giolla Bhride and Griogair Labhruidh - Guaillimh a chéile


Dòmhnall an dannsair srann aige ’tighinn -

Tha lùb air a chrann ’s gach ball a ruigheadh;

Nuair gheibh thu taigh Angais dram no dìthis,

Gun gearradh tu ?gear air cabhsair.



Am bàta dubh daraich a th’ agad-sa daonnan,

Cosnadh an arain ag aiseag nan daoine;

Chan fhan thu aig baile là gaillinn no gaoith -

Gur co-dheas leat faoilteach no samhradh.



’S e Mac ’ille Dhuibh a fhuair urram a’ chruadail

Sgaoilteadh e am buinne na mheallaibh o cruachain

Seall sibh na luingeis air eagal am fuadach

A’ fuireach an Cluaidh fad a’ gheamhraidh



’S e am fasan a bh’ agad nuair bha thu ’n tùs d’òige,

Air tilleadh do Ghlaschu dhachaigh thar bhòidse;

Dh’òladh tu uile do chuid san taigh-òsta

Is shuidheadh tu còmh’ ri tè Ghallta.



Tha balaich a’ bhaile seo ’tachairt ort daonnan,

Eagal nam bleagairtean ’s bail’ Inbhir Aora;

Chan iongnadh leam idir ged shèideadh tu caonnag,

Nuair chì iad thu laochain ’s an dram ort.



Tha uaislean a’ bhaile a’ tighinn le sraic

Lem brataichean geala ’s am bathar gad bhàta,

A’ phacaid bheag Liosach a’ tighinn thar sàil’

Le ìm agus càis gu Mac Labhrainn.


Post to this Thread -

Back to the Main Forum Page

By clicking on the User Name, you will requery the forum for that user. You will see everything that he or she has posted with that Mudcat name.

By clicking on the Thread Name, you will be sent to the Forum on that thread as if you selected it from the main Mudcat Forum page.

By clicking on the Subject, you will also go to the thread as if you selected it from the original Forum page, but also go directly to that particular message.

By clicking on the Date (Posted), you will dig out every message posted that day.

Try it all, you will see.