Lyrics & Knowledge Personal Pages Record Shop Auction Links Radio & Media Kids Membership Help
The Mudcat Cafesj



User Name Thread Name Subject Posted
RunrigFan Lyr Add: Comunn Uibhist's Bharraigh (5) Lyr Add: Comunn Uibhist's Bharraigh 08 Jun 21


Seinnibh le othail e
O horo èileadh;
Seinnibh le othail e
O horo èileadh;
Fàillirinn ìllirinn
Hù horo èileadh
B' e m' aighear, 's mo shùgradh
'S mo dhùrachd bhith rèidh ribh.

'S a' mhaduinn mhoich, chùbhraidh
Bu shùgradh leam m' èirigh;
Bha litir gu m' ionnsaidh,
'S le sùnnd rinn mi leughadh,
Ag innseadh gu diùlaidh;
'S bu shùgradh leam fhèin e,
G' eil òigridh mo dhùthcha
A' dùsgadh gun èislein.

Commun na beannachd
Tha 'n Glaschu còmhnaidh,
Uibhistich is Barraich,
Gach caileag is òigear;
Cumaibh gu dìleas
Nur cuimhne ri 'r beò iad,
Eileanan rìomhach,
Is prìseil bhur n-òige.

Bu bhòidheach an sealladh
Sa mhaduinn mhoich, chèitein,
An fhairge mar gloinne,
Gun smal air na speuran,
Raointean, is gleannan,
Is beannan glas', geugach
Uibhist is Bharraigh
Ag amharc a chèile.

An fhairge ri altramas
Caisteal a' Bhàigh dhaibh;
Ormacleit ghlacach
Toirt eachdraidh Chloinn Ràghaill;
Baile nan Cailleach
Is machraichean Bhàllaidh,
'S càit' eil nas bòidhche
Na leòidean Creag Àsdainn?

Na h-Eileanaich ainmeil
An seanachas 's am bàrdachd;
'S minig a dhearbh iad
Bhi garg air chùl stàillinn;
Bu ghleusda, neo-chearbach
Air fairge no tràigh iad;
'S gur h-eutrom, grinn, dealbhach
Air garbhlach no sràid iad.

Bha daoine bhon d' thàinig sibh
Làidir sa chòmhraig,
'S cinn-chinnidh neo-sgàthach
'S na blàraibh gan seòladh,
Tighearna Chlann Ràghaill
Is àrmainn Chlann Dòmhnaill,
'S Mac Nèill nan long luatha
Gu cuantan a shròiceadh!

Gun èireadh mo nàdar
Le bàidh agus pròis leam
Nuair chithinn an làrach
'S 'n do dh'àraicheadh "Flòraidh";
Bidh cuimhne gu bràth
Air gnìomh gàbhaidh na h-òigh sin,
Mar shàbhail i Teàrlach
Bhon ghràisg a bha 'n tòir air!

Nuair chruinnicheas an còmhlan ud
Còmhla gu sùnndach,
Na maighdeannan bòidheach
'S na h-òigeirean lùthar;
Bidh pìob nan dos àrda
La gàirich à siùnnsair
Cur Eileanaich ghreannmhor
Nan deann air an ùrlar!

Commun mo rùin nach
Cuir cùl ris a' Ghàidhlig,
Labhradh air tùs i, gu
Ciùn, anns a' Ghàradh,
Cànain ro chlùiteach a
Dh' ionnsaicheadh tràth dhaibh,
Gu h-aoidheil, binn, mùirneil,
Aig glùinean am màthar.

Thoir uamsa ceud soraidh
Gu banal mo shùgraidh.
'S gun cruinneacheadh geanail
Am baile na h-ùpraid;
Gach nì bhi mar 's math leibh,
'S mo bheannachd dar n-ionnsaidh,
Gach Uibhisteach 's Barrach
Tha fada bho 'n duthaich!

A song by Bard Iollaraigh, Roderick MacKay, North Uist (1872-1949 to young people who leave the islands of Uist and Barra, urging them not to forget where they were raised nor their Gaelic language *Kathleen MacInnes Cille Bhride cd insert*


Post to this Thread -

Back to the Main Forum Page

By clicking on the User Name, you will requery the forum for that user. You will see everything that he or she has posted with that Mudcat name.

By clicking on the Thread Name, you will be sent to the Forum on that thread as if you selected it from the main Mudcat Forum page.

By clicking on the Subject, you will also go to the thread as if you selected it from the original Forum page, but also go directly to that particular message.

By clicking on the Date (Posted), you will dig out every message posted that day.

Try it all, you will see.