Christine Primrose Christine Primrose Dh'fhalbh i ghluais i leinn dhachaidh Chuir i chuairt ud air Arcaibh Cruinn ùra siùil gheala Tide mhara 's i leinn Sèist: Fàill éille 's ho ra u Fàill éille 's ho ra u Fàill éille 's ho ra u Hogaidh ó 's na hó ì Tighinn a nuas dhuinn aig Barbabhas Thainig osn' oirr bho'n earr-dheas 'S ann a shamhlaich mi falbh i Ris an earba air tìr Nuair a dhìrich mi 'n cruadhlach Thug mi sùil air mo ghualainn 'S ann a chunnaic mi 'ghruagach Dol mu'n cuairt air a nì Nuair a dhìrich i bhruthach Thilg i bhuarach 's an cuman 'S thuirt i, "S uaibhreach an-diugh mi Seo air cuspair mo ghaoil
|