Lyrics & Knowledge Personal Pages Record Shop Auction Links Radio & Media Kids Membership Help
The Mudcat Cafesj



User Name Thread Name Subject Posted
RunrigFan Lyr Add: A Mhairi Bhoidheach (Beautiful Mary) (7) RE: Lyr Add: A Mhairi Bhoidheach (Beautiful Mary) 12 Jun 21


Dochas

A mhàiri bhòidheach, 's a mhàiri ghaolach
A mhàiri bhòidheach gur mòr mo ghaol ort
A mhàiri bhòidheach gur tu a chlaoidh mi
'S a dh'fhàg mi brònach gun dòigh air t'fhaotainn

A mhàiri bhòidheach gur mòr mo ghaol ort
Gur tric mi cuimhneachadh ort 's mi m'aonar
Ged a shiùbhlainn gach ceum den t-saoghal
Bidh t'ìomhaigh bhòidheach tighinn beò gach taobh dhìom

'S truagh nach robh mi's mo mhàiri bhòidheach
Ann an gleannan faoin is ceò air
'S ged bu rìgh mi's an roinn eòrpa
Chan iarrainn pòg ach bho mhàiri bhòidheach

Ach chithear fèidh air a sgèith 's na speuran
Chithear iasg air àird nan slèibhtean
Chithear sneachda dubh air geugan
Mu'm faicear caochladh tighinn air mo spèis dhut

Guma slàn do mo mhàiri bhòidheach
Ge b'e àite sam bi a còmhnaidh
'S e mo dhùrachd cho fad 's is beò mi
Gum bi gach sòlas aig màiri bhòidheach

A mhàiri bhòidheach, 's a mhàiri ghaolach
A mhàiri bhòidheach gur mòr mo ghaol ort
A mhàiri bhòidheach gur tu a chlaoidh mi
'S a dh'fhàg mi brònach gun dòigh air t'fhaotainn



Mary Jane Lamond

Fonn: A Mhàiri bhòidheach 's a Mhàiri ghaolach,
A Mhàiri bhòidheach gur mòr mo ghaol ort,
A Mhàiri bhòidheach gur tu a chlaoidh mi,
'S a dh'fhàg mi brònach gun dòigh air t' fhaotainn.

A Mhàiri bhòidheach gur mòr mo ghaol ort,
Gur tric mi 'cuimhneachadh ort 's mi m'ònar,
Ged a shiubhlainn gach ceum dhe’n t-saoghal;
Bidh t' iomhaigh bòidheach 'tighinn beò gach taobh dhiom.

'S truagh nach robh mi 's mo Mhàiri bhòidheach,
Ann an gleannan faoin 's ceò air;
Ged bu rìgh mi ‘s an Roinn-Eòrpa,
Chan iarrainn pòg ach o Mhàiri bhòidheach.

Ach chìthear féidh air sgéith 's na speuran,
'S chìthear iasg air àird nan sléibhtean;
Chìthear sneachda dubh air gheugan,
Mum faicear caochladh tighinn air mo spéis dhut.

Guma slàn dha mo Mhàiri bhòidheach,
Ge b'e àite 's am bidh i 'chòmhnaidh,
'Se mo dhùrachd cho fad 's is beò mi,
Gum bidh gach sòlas aig Màiri bhòidheach.


Post to this Thread -

Back to the Main Forum Page

By clicking on the User Name, you will requery the forum for that user. You will see everything that he or she has posted with that Mudcat name.

By clicking on the Thread Name, you will be sent to the Forum on that thread as if you selected it from the main Mudcat Forum page.

By clicking on the Subject, you will also go to the thread as if you selected it from the original Forum page, but also go directly to that particular message.

By clicking on the Date (Posted), you will dig out every message posted that day.

Try it all, you will see.