Lyrics & Knowledge Personal Pages Record Shop Auction Links Radio & Media Kids Membership Help
The Mudcat Cafesj



User Name Thread Name Subject Posted
RunrigFan Lyr Add: Fear A' Chota Ruaidh (5) Lyr Add: Fear A' Chòta Ruaidh 12 Jun 21


Fear A' Chòta Ruaidh
Written by Donald Joseph MacKinnon

Càit' an deach an duine còir
Air 'n robh còta ruadh?
Na thill e dhachaigh chun na Cròice
Leis a' chòta ruadh?
Chan fhaca mise fear air bhòidse
Riamh air còrsa Chluaidh
Bha giùlan trusgain leth cho leòmach
Ris a' chòta ruadh.

Cha robh cotan, cainb, no fòtus
Anns a' chòta ruadh;
'S ann bha e geàrrt' a-mach à còrn
A b'fheàrr do chlòimh nan uan,
'S mo mhìle beannachd aig an tàillear
Chum 's a gheàrr 's a dh'fhuaigh
'S a dhearbh a chèard bhith air a mheòir
Nuair rinn e 'n còta ruadh.

"Shiubhail mi Uibhist mhòr an eòrna
Leis a' chòta ruadh,
Oidhche shìos an Àird na Mona
'S oidhche am Bòirnis shuas."
Cha robh talla 'n seinnt' ann òran,
'N cluinnte ceòl no duan
Nach fhaiceadh iad mo charaid còir ann -
E-fhèin 's an còta ruadh!

Ach 's iomadh miabhadh thug thu dhòmhs'
thu fhèin 's do chòta ruadh
A-mach gach oidhche nuair bu chòir dhomh
bhith sa chòs nam shuain
Eadar Bàrr an Easbuig shìos
san ear san iar 's ma thuath
'S gun dh'fhàs mi dìreach searbh gu lèor
dhiot fhein 's do chòta ruadh.

Ach dh'fhalbh sinn oidhche dhan taigh-òsta
's ghlac sinn stòp air chluais
'S gun thill sinn dhachaigh air ar dòigh às
leis na dh'òl sinn suas
Gun cluinnte mis' an Taigh 'An Ghròta
gabhail òran luaidh
'S bha botal anns a h-uile pòc'
a bh' air a' chòta ruadh.

Gun duirt e rium - "Bha 'n toiseach m' òig ann
Còmhdach air bheag snuadh,
Gun cheap, gun chirb, gun bhrèid, gun bhròig
Ach òrdagan 's iad fuar;
Ach thriall an aimsir sin gu cùl
Is thàinig tionndadh nuadh,
'S nuair dh'fhàs mi sean gun d'fhàs mi leòmach
'S fhuair mi còta ruadh."

Thug e fad na h-Oidhche Dhòmhnach
Gu trà-nòin Diluain,
Gun smaointeachadh air dol dhan chòs,
Ach tòinleagan mun cuairt,
'S mi 'g èisteachd ris a h-uile sgeul
A chualas shìos no shuas,
'S a h-uile h-aon dhiubh air mheòmhair
Aig fear a' chòta ruaidh.

Cha robh Diarmad, Fionn no Gràinne
No Garbh Mac Stàirn an duan;
Cha robh Fear-eabaid le luirg,
No Bhuilfheartach thar chuain;
Cha robh Tuathanach O' Drao,
No laoch a chualas cluas
Nach fhaighte 'n ainm 's an aithris sgeòil
Aig fear a' chòta ruaidh.

Ach guma fad fallain beò
Bhios fear a' chòta ruaidh
Gus innse sgeòil an Tìr an Eòrna,
Dùthaich chòir nam buadh;
'S ma 's e 's gun tig e cuairt gu bràth
A-nuas air àrainn Chluaidh,
Gun sìn am bàrd a làmh le deòin
Do dh'fhear a' chòta ruaidh.


Post to this Thread -

Back to the Main Forum Page

By clicking on the User Name, you will requery the forum for that user. You will see everything that he or she has posted with that Mudcat name.

By clicking on the Thread Name, you will be sent to the Forum on that thread as if you selected it from the main Mudcat Forum page.

By clicking on the Subject, you will also go to the thread as if you selected it from the original Forum page, but also go directly to that particular message.

By clicking on the Date (Posted), you will dig out every message posted that day.

Try it all, you will see.