Cliar Gu ma slàn a chì mi Mo chailin dìleas donn Bean a chuailein rèidh air An deas a dh'èireadh fonn 'S i cainnt do bheòil bu bhinne leam An uair bhiodh m' inntinn trom 'S tu thogadh suas mo chridh' Nuair a bhiodh tu bruidhinn rium Gur muladach a ta mi 'S mi nochd air àird a' chuain Neo-shunndach mo chadal dhomh 'S do chaidreamh fada bhuam Gur tric mi ort a' smaointinn As t' eugmhais tha mi truagh Is mur a dèan mi t' fhaotainn Cha bhi mo shaoghal buan Tacan mu'n do sheòl sinn Is ann a thòisich càch Ri innseadh do mu chruinneag-sa Nach tillin-sa gu bràth Na cuireadh siud ort gruaimean A luaidh, ma bhios mi slàn Cha chùm dad idir uait mi Ach saighead chruaidh a' bhàis Tha'n t-snaidhm a-nise ceangailte Gu daingeann agus teann Ged theireadh càch, 's iad fanaid rium Nach eil mo phrothaid ann Am fear aig a bheil fortan Tha crois aige na cheann 'S tha mise taingeil, toilichte Ged tha mo sporan gann Gu ma slàn a chì mi Mo chailin dìleas donn Bean a chuailein rèidh air An deas a dh'èireadh fonn 'S i cainnt do bheòil bu bhinne leam An uair bhiodh m' inntinn trom 'S tu thogadh suas mo chridh' Nuair a bhiodh tu bruidhinn rium
|