??Mar an fhiadh a bhios mi Mar bhan-dia a bhios mi Mar ghuthan nam mìltean A' seinn gu h-àrd, gu treun Bheir mise sùil air an t-saoghal le sùilean ùra Duisgidh mi bho m' aisling agus seasaidh mi gu h-àrd Bidh mi cruaidh mar chloich is bog mar bhùrn Leughaidh mi an tìr mar na gaisgaich a chaidh Èistidh mi ris na craobhan a lùbas sa ghaoith Is gheibh mi neart bhon ghrèin gach là Fuirichidh mi san dè, san diugh is san màireach Is cha bhi an t-eagal orm ro olcas sam bith Gabhaidh mi am fulangas a thig le bròn Agus cumaidh mi slàn nam anam is bodhaig Ruithidh mi ris an treud ach seasaidh mi nam aonar 'S bidh mi stolta mar neòinean sa mhàgh
|