Here are five verses Tha gleannan beag bòidheach an Gàidhealtachd mo ghaoil Far an d’ fhuair mise m’ àrach ’s mo threòrach Anns an cluinnear a’ chòisir as binn’ air an t-saoghal Mar tha ’n uiseag, an lon-dubh ’s an smeòrach Fàile cùbhraidh an fhraoich tighinn thar mullach nam beann Agus chì thu ’n damh ruadh air an fhrìth ann ’S ged shiùbhladh tu Alba chan fhaic thu aon ghleann Tha cho bòidheach ri m’ ghleann taobh Loch Lìobhann O ’s truagh nach robh mis’ ann an gleannan mo ghaoil Oir tha beannachadh Dhè agus sìth ann Tha na h-aibhnean ’s na coilltean as bòidhch’ air an t-saoghal Ann an gleannan mo ghaoil taobh Loch Lìobhann Air an achadh bheag uaine chaidh lomadh le fàl Bidh na gillean le ’n camain a’ strì ann ’S chan eil buidheann an siorramachd mhòr Earra Ghàidheal Tha cho clis ris na suinn taobh Loch Lìobhann Tha daoine cho coibhneil ’s cho càirdeil sa ghleann ’S chan eil adhbhar bhith dubhach no sgìth ann Ach cho fhad ’s a bhios Gàidhlig ga sgrìobhadh le peann Bidh mi moladh mo ghleann taobh Loch Lìobhann There are small, pretty glens in the Highlands I love, Where I was brought up and raised, In which the best choir in the world can be heard Like the Lark, the Blackbird and the Thrush The fragrant scent of the heather comes across the hilltops, And you'll see the red stag in the forest there And should you travel throughout Scotland you'ld not see one glen that's as beautiful as my glen by Loch Leven. Oh it's a pity I'm not in the little glen that I love, for God's blessings and peace are there. The rivers and woods are the most beautiful in the world in the little glen I love by Loch Leven. On the little green field that was mown with a scythe the lads will be competing there with their shinty sticks and there isn't a team in the great county of Argyll that is as agile as the men by Loch Leven. There are people so kind and so friendly in the glen that there's no reason to be sad or weary there; and as long as Gaelic is being written with pens I'll be praising my glen by Loch Leven.
|