Lyrics & Knowledge Personal Pages Record Shop Auction Links Radio & Media Kids Membership Help
The Mudcat Cafesj



User Name Thread Name Subject Posted
RunrigFan Lyr ADD: Cumha Coire Cheathaich (13) RE: Lyr ADD: Cumha Coire Cheathaich 15 Aug 22


As recorded by Dingwall Gaelic Choir

Rann 1 / Verse 1

Is duilich leam an càradh th’air coire gorm an fhàsaich,
An robh mi greis am àrach sa Bhràighe seo thall;
‘S iomadh fear a bhàrr orm a thaitneadh e r’a nàdar,
Nam biodh e mar a bha e nuair dh’fhàg mi e nall;
Gunnaireachd is làmhach, spurt is adhbhar ghàire,
Chleachd bhith aig na h-àrmainn a b’ àbhaist bhith sa ghleann.
Rinn na fir ud fhàgail, ‘s Mac Eòghainn th’ann an dràsta,
Mar chlach an ionad càbaig, an àite na bh’ann.

Rann 2 / Verse 2
Ged tha thu nis sa Bhràighe, cha chompanach le càch thu,
‘S a h-uile duine tàir ort on thàinig thu ann.
Is èiginn dut am fàgail nas miosa na mar thàinig;
Cha taitinn thu ri’n nàdar le cnàmhan ‘s le cainnt,
Ged fhaiceadh tu ghreigh uallach, nuair rachadh tu mun cuairt daibh,
Cha dèan thu ach am fuadachadh suas feadh nam beann,
Leis a’ ghunna nach robh buadhmhor, ‘s a’ mheirg air a toll-cluaise;
Chan eirmis i na cruachan, an cuaille dubh cam.
‘S e ‘n coire chaidh an dèis-laimh, on tha e nis gun fhèidh ann,
Gun duin’ aig a bheil spèis diubh nì feum air an cùl.

Rann 3 /Verse 3
Tha choille bh’anns an fhrìth ud, na cuislean fada dìreach,
Air tuiteam is air crìonadh sìos às an rùsg;
Na prisean a bha brìoghmhor, na dosaibh tiugha lìonmhor,
Air seacadh mar gun spìont’ iad a-nìos às an ùir;
Na failleanan bu bhòidhche, na slatan is na h-ògain,
‘S an t-àit’ am biodh an smeòrach gu mòdhar a’ seinn ciùil.
Tha iad uil’ air caochladh, cha d’ fhuirich fiodh no fraoch ann,
Tha ‘m mullach bhàrr gach craoibhe ‘s am maor ga thoirt diubh.

Rann 4 / Verse 4
Ach mas duine de shliochd Phàdraig a thèid a-nis don àite,
‘S gun cuir e as a làraich an tàcharan a th’ann,
Bidh ‘n coire mar a bha e, bidh laoigh is aighean dàr’ ann,
Bidh daimh a’ dol san dàmhair air fàsach nam beann;
Bidh buic sna badan blàtha, na bric san abhainn làimh riuth’,
‘S na fèidh air Strath na Làirge ag àrach nam mang, beside them,
Thig gach uile nì g’a àbhaist, le aighear is le àbhachd,
Nuair gheibh am baran bàirlinn siud fhàgail gun taing.


Post to this Thread -

Back to the Main Forum Page

By clicking on the User Name, you will requery the forum for that user. You will see everything that he or she has posted with that Mudcat name.

By clicking on the Thread Name, you will be sent to the Forum on that thread as if you selected it from the main Mudcat Forum page.

By clicking on the Subject, you will also go to the thread as if you selected it from the original Forum page, but also go directly to that particular message.

By clicking on the Date (Posted), you will dig out every message posted that day.

Try it all, you will see.