I forgot to mention that I do know the song AN T-EILEAN MU THUATH, and here are the words:
An t-eilean mu thuath, an iomull a' chuain,
An t-eilean 's an d'fhuair mi m'àrach;
Far an d'fhuair mi 's mi òg bainne fìorghlan ri òl,
'S bha m'anam tigh'nn beò 's a' fàs leis.
An t-eilean a tuath, an t-eilean tha fuar,
'Se Leódhas bho thuath mo ghràidh e,
Far nach cluinn mi ri m'bheò bhi sealg no bhi 'g òl
No làmhadh no òrd air an t-Sàbaid.
Nach mis' tha gu truagh gu tùrsach 's fo ghruaim
Bho chuir mi ri tuath mo chùlaibh;
Nuair choisich i dìan chuir i curs' oirre 'n iar
'S thug dorchadas dhìomsa Mùirneag.
Chan eil math domh no stàth bhi tuiream 's a' chàs,
Chan aithreachas tràth a th'ann domh;
Chan urrainn mi snàmh gu cuideachd mo ghràidh
No coiseachd air tràigh do Leódhas.
line breaks fixed by mudelf ;-)