The Mudcat Café TM
Thread #66607   Message #1108626
Posted By: Sandy Mc Lean
03-Feb-04 - 07:14 PM
Thread Name: Cape Breton weaver's Songs
Subject: RE: Cape Breton weaver's Songs
MO CHRIDHE TROM

O ho air ill a bha ho,
Ho air ithill a bha ho,
Eiribh 'illean og i o,
Mo chridhe trom 's cha neonach.

A' bliadhna gus an de
Sheol an long mhor bho breid,
Gu'm bu mhaith a theid na deigh,
'Ga stiuradh m'eudail Domhnull.

'N uair a ruig mi leth a' chroinn,
Thuirt mi ris nach teid mi ann,
Thuirt e, "Feumaidh thu dhol ann,
'S e siod a gheall thu dhomh-sa".


'N uair a rainig mise suas,
Cheangail mi an top-sail gu cruaidh,
Eagal orm a tighinn a nuas,
Nach robh I uamhaidh boidheaeh.


Mo cheisd marcaich an eich ghlais
Ruitheadh 'us ghearradh e leum,
'S ml gu siubhladh as do dheigh,
Mo chridhe leum le solas.


Mo cheisd marcaich an eich ghlais,
Ruitheadh air barraibh a' chas,
Ged a bhiodh am bruthach cas,
Gu marcaich e thu, Dhomhnuill.


Gur e mise tha fo ghruaim,
Cumail eogadh ri MacSuain
, 'S tric a bha mi 's an tigh-luaidh,
Gu duanach gabhail orain.


'S ann air cul nam beanntan ard,
Tha aite comhnuidh mo ghraidh,
Fear dha 'm bhell an cridhe blath,
Do'n tug mi 'n gradh a leon mi.


'S ann air cul a' bhalla chloieh,
'S math an aithnichinn lorg do chos,
Och 'us oeh, mar tha mi 'n nochd
Gur bochd nach d'fhuair mi coir ort.


Tha mo chridhe dhut cho buan
Ris a' chreag tha 'n grunnd a' chuain,
No comh-ionnan ris an stuaidh
A bhuaileas orr' an comhnuidh.


Tha mo chridhe dhut cho tlath,
Tha e ris am bainne blath,
No comh-ionnan ris a' chais'
A dh' fhasgas tu fo d' mheoirean.


Mo cheisd marcaich an eich dhuin
Ruitheadh 's bhuannaicheadh an geall
'S e falt buidhe a bh'air do cheann,
A dh'fhag mi'n geall cho mor ort.