The Mudcat Café TM
Thread #70827   Message #1213351
Posted By: GUEST,Guest
24-Jun-04 - 01:48 AM
Thread Name: An t-Eilean Mu Thuath
Subject: Lyr Add: AN T-EILEAN MU THUATH
Bhithinn cho taingeil nam cuidicheadh neach sam bith le seo h-òran. Gabh mo leisgeul air mo Ghàidhlig bhriste... Sheinn Capercaillie seo...

AN T-EILEAN MU THUATH

An t-eilean mu thuath, an iomull a' chuain
An t-eilean 's an d'fhuair mi m'àrach
Far an d'fhuair mi 's mi òg bainne fìorghlan ri òl
'S bha m'anam tigh'nn beò 's a' fàs leis

An t-eilean a tuath, an t-eilean tha fuar
'Se Leódhas bho thuath mo ghràidh e
Far nach cluinn mi ri m'bheò bhi sealg no bhi 'g òl
No làmhadh no òrd air an t-Sàbaid

Nach mis' tha gu truagh gu tùrsach 's fo ghruaim
Bho chuir mi ri tuath mo chùlaibh
Nuair choisich i dìan chuir i curs' oirre 'n iar
'S thug dorchadas dhìomsa Mùirneag

Chan eil math domh no stàth bhi tuiream 's a' chàs
Chan aithreachas tràth a th'ann domh
Chan urrainn mi snàmh gu cuideachd mo ghràidh
No coiseachd air tràigh do Leódhas

An t-eilean mu thuath, an iomull a' chuain
An t-eilean 's an d'fhuair mi m'àrach
Far an d'fhuair mi 's mi òg bainne fìorghlan ri òl
'S bha m'anam tigh'nn beò 's a' fàs leis

Chuirinn luach air freagairt. 'S mathaid th'e èibhinn gu bheil mi a' sgrìobhadh sa' Ghàidhlig agus tha mi gur faigheachd air eadar-theangachadh! Tapadh leibh!