The Mudcat Café TM
Thread #104907   Message #2154104
Posted By: GUEST,DK
21-Sep-07 - 04:44 AM
Thread Name: Lyr Req: Fiollegean / Fiollagan / Fiollaigean
Subject: Lyr Add: FIOLLAIGEAN
Here is the Gaelic, if it's any help.

Séist:
Saoil a Mhór am pós thu?
Saoil am pós thu Fiollaigean?
Saoil a Mhór am pós thu?
Theireadh gu leór nach b'urra dhut.

Bha dúil gum bu cheannaiche mór thu
As an robh stór neo-chumant'
Gu facas do phoc ann an órdugh
Siubhal air tóir na luideagan.

Nuair dh'éireadh am muir ma na beanntan
Suas mu na cruinn 'na ultaichean
Rachadh a' sgiobair fo rúm innt'
'S dh'fhágadh e chuibhl' aig Fiollaigean.

'S beag a bha dhúil aig do mháthair
Gur ann an Arnol thuiteadh tu
An déidh cho fileant' 's a bha thu
Air an t-snáthaid mhiosailin.

Nuair a thigeadh muir-cúil ort
Suas mu shúilean Fiollaigean
Shealladh e rithist cho geur
'S gum faiceadh e sgiath nan cuileagan.

Dhéanadh tu maraich linn-mhóra
Dhéanadh tu stóp is buideal ann
Chuireadh tu math ann an órdugh
Cearcall air tóin nan tubannan.

'S ged a bha Fiollaigean spágach
Dhéanadh e ceáird a h-uile fear
Chuireadh e lusan 's a ghárradh
Chuireadh e cál is curranan.

Thog thu taigh-geal ann an Arnol
As a robh áird neo-chumanta
Staidhrichean cama le sgáthan
As a' rúm-árd aig Fiollaigean.

'S bha cuid dhen a chomunn bha suarach
Cuid a bha uasal urramach
Leann MacEwen cho láidir
'S thog e droch nádar Fhiollaigein.

Chaidh litir a' null dhan a Fhraing
Is t' eile null a Ruisia
Páipearan feadh a' Roinn Eorp'
Ag inns' mu phósadh Fhiollaigean.