The Mudcat Café TM
Thread #120235   Message #2613651
Posted By: GUEST,Donal
18-Apr-09 - 02:20 AM
Thread Name: Lyr Req: An Eala Bhan
Subject: RE: Lyr Req: An Eala Bhan
Is this it?

Gur muladach a tha mi
's mo chrìdhe 'n sàs aig bròn,
bhon an uair a dh'fhàg mi
beanntan àrd a' cheò:
gleanntaichean a' mhànrain –
nan loch, nam bàgh 's nan sròm,
's an eala bhàn tha tàmh ann
gach là air a bheil mi 'n tòir.

A Mhagaidh, na bi tùrsach,
A rùin, ged gheibhinn bàs.
Cò am fear am measg an t-sluaigh
A mhaireas buan gu bràth?
Chan eil sinn uileadh ach air chuairt,
Mar dhìthein buail' a' fàs,
Bheir siantanan na bliadhna sìos,
's nach tog a' ghrian an àird.

Tha mis' an-seo 's mo shùil san iar
On chrom a' ghrian san t-sàl:
Mo dhùrachd leig mi as a dèidh,
Ged thrèig i mi cho tràth,
Gun fhios gum faic mi màireach i
Nuair dhìreas i gu h-àrd,
Is iomairt lann gu bhith ri chèil'
Nuair 's lèir dhuinn beul an là.

Tha 'n talamh lèir mun cuairt dhìom
Na mheallan suas 's na neòil
Aig na shells a' bualadh –
Cha lèir dhomh bhuam le ceò;
Gun chlaisneachd aig mo chluasan
Le fuaim a' ghunna mhòir,
Ach ged tha 'n uair seo cruaidh orm
Tha mo smuaintean air NicLeòid.

Air m'uilinn anns na truinnseachan
Bha m'inntinn ort, a ghràidh;
Nam chadal bidh mi bruadar ort –
Cha dualach dhomh bhith slàn:
Tha m'aigne air a lìonadh
Le cianalas cho làn,
's a ghruag a dh'fhàs cho ruadh orm
a-nis air thuar bhith bàn.

Mas e 's gu bheil e 'n dàn dhomh
On bhlàr gun till mi beò,
Is gum faic mi an t-àite
San deachaidh m'àrach òg,
Bidh sinne, 's crathadh làmh againn
Is bilean blàth, toirt phòg,
's mo ghealltanas bidh pàighte dhuit
le fàinne chur mud mheòir.

Oidhche mhath leat fhèin, a rùin,
Nad leabaidh chùbhraidh bhlàth,
Cadal sàmhach air a chùl
's do dhùsgadh sunndach, slàn;
tha mise 'n-seo san truinnsidh fhuair
's nam chluasan fuaim a' bhàis,
gun dùil ri faighinn às le buaidh –
tha 'n cuan cho buan ri shnàmh.