[CHORUS:] Fhir a bhata na horo eile, Fhir a bhata na horo eile, Fhir a bhata na horo eile, 'S e mi rùn chaich thug dom' ghradh mo threigeadh.
1. 'S tric mi sealtuinn o'n chnoc a's airde, D'fheuch am faic mi fear a bhata, An tig thu'n diugh, na'n tig thu maireach, 'S mar tig thu idir, gur truagh ata mi.
2. Tha mo chridhe-sa briste, bruite, 'S tric na deoir ag ruidh o'm shuilean, An tig thu nochd na'm bi mo dhuil riut, Na'n duin mi'n dorus le osnadh thùrsach,
3. 'S tric mi foineachd de luchd nam bata, Am fac iad thu na'm bheil thu sabhailt, 'S ann tha gach aon diu rium ag raite, Gur gorach mi mo thug mi gradh dhuit.
4. Gheall mo leannan domh gùn dhe'n t-sioda, Gheall e sud agus breachdan riamhach, Faine oir anns am faicinn iomhagh, Ach 's eagal leam gu'n dean e di-chuimhne.
5. Cha'n eil baile beag sam bi thu, Nach tamh thu greis ann a chuir do sgios diot, Bheir thu lamh air do leabhar riamhach, Ghabhail dhuanag, 's a bhuaireadh nianag.
6. Ge do thuirt iad gu'n robh thu eatrom, Cha do lughadhaich sud mo ghaol ort, Bithidh tu m'aisling anns an oiche, A's ann sa mhadain bithidh mi ga d'fhoineachd.
7. Thug mi gaol duit 's cha'n fhaod mi aicheadh. Cha ghaol bliadhna, 's cha ghaol raidhe, Ach gad a thoiseach 'n'air bha mi m' phaisdean, 'S nach searg a chaoidh gus an claoidh am bàs mi.
8. Tha mo chairdean gu tric ag innseadh, Gu'm feum mi taogas a leig air di-chuimhne, Ach tha'n comhairle dhomh co diamhain, 'S a tilleadh mara, a's i toirt lionaidh.
9. Tha mo chriosan air dol an airde, Cha'n ann o fhidhlair, na o chlarsair, Ach o stiuireadair a bhata, 'S mur tig thu dhathigh, struagh mar tha mi.
10. Bithidh mi tuille tùrsach, dèurach, Mar Eala bhan, 's i 'n deigh a reubadh, Guileag bàis aic air lochan feurach, A's each uile an deigh-sa treigeadh.