The Mudcat Café TM
Thread #125528   Message #2780141
Posted By: maple_leaf_boy
03-Dec-09 - 08:39 PM
Thread Name: Lyr Add: Brosnachadh Bhruis
Subject: Lyr Add: Brosnachadh Bhruis
BROSNACHADH BHRUIS
Tune: Scots Wha Hae / Hey Tutey Tatey

CHORUS:
'Threun', le Uallas, dh'fhuiling creuchd,
'S le Bruis chaidh dàn' gu àr nan euchd,
Nis iarraibh bàs am blàr nam beum,
No buaidh gu treun 'san t-strìth.

Seo latha 'chruais an uair tha làth'ir,
Feuch feachd fo'n cruaidh air cluan an àir,
A teachd le'n uaill gu buaireas blàir,
A dheanamh tràillean dhìbh.
(CHORUS)

Cò thig do'n t-strì neo-dhìleas, claon?
Cò dheanadh uaigh ach cluan an raoin?
Cò striocadh sios gu dìblidh faoin
Air cùl nan claon-fhear clìth?

Cò 'n càs an rìgh, a rìogh'chd 'sa reachd,
Bheir beum nan geur-lann treun an gleachd,
Gu buaidh am blàr, no bàs 'na bheachd,
An gaisgeach leanadh mi.
(CHORUS)

Ar truaighe 's teinn, ar nainneirt chruaidh,
'Sar sliochd an sàs na'n traillibh truagh',
O'r cuislibh traight' air sgàth ar sluaigh,
Thig saorsa bhuan le sìth.
(CHORUS)

Biodh uaibhrich sleucht' fo'r beuma bàis,
Fear ainneirt dh'eug 'nuair ghèilleas nàmh,
Tha saorsa fhèin a'm beum 'ur làmh,
'Nis buaidh no bàs an t-stri.
(CHORUS)

Source: http://www.youtube.com/watch?v=uLt4cXWeGx0
http://www.youtube.com/watch?v=uLt4cXWeGx0
Song Category: Scotland, Patriot.