The Mudcat Café TM
Thread #26606 Message #3858892
Posted By: keberoxu
04-Jun-17 - 03:54 PM
Thread Name: Lyr/Chords Req: two gaelic song by Chieftains
Subject: RE: Lyr/Chords Req: two gaelic song by Chieftains
"Mhàiri Bhòidheach," introduced in the fourth post on this thread (Áine, 17 October 2000), can also be found in Malcolm MacFarlane's 1908 anthology, Binneas am Bàrd, pages 63 - 65.
All the verses in Áine's post are in the Binneas am Bàrd version.
MacFarlane also has EIGHT additional verses. So, this thread will present them. The spelling may be different than standard in places.
A Mhàiri rùin, lughdaich thu mo chiall domh; Tha mo chrìdh' le do ghaol air lìonadh; Tha gach là dhomh cho fad ri bliadhna, Mur faic mi t'aodann a tha mar ghrian domh.
Do shùilean meallach fo d' mhalaidh bhòidhich; Do bhilean tana air dhath nan ròsan: Slios mar chanach an gleannan mòintich, 'S do ghruaidh mar chaorann fo sgèith nam mòr-bheann.
Cò chi Màiri 's is urrainn àicheadh Gu 'm bheil a chridhe fìor-laist' le gràdh dhi? Oir thug i bàrr ann an cruth 's an àilleachd Thar gach maise tha fàs 'san àl so.
C'àit' am faicear 'san t-saogh'l bean t'aogais? Cha 'n 'eil do choimeas-sa ann ri fhaotainn; Am maise, 'n tuigse is an deagh bheusan, Tha thu ro àrd os cionn gach aon diubh.
Fhir a shiùbhlas thar tonnan uaibhreach A chum nan Innsean tha cian 'sna suaintean, Thoir gach sìoda is nì a tha luachmhor A dh' ionnsuidh Màiri a rinn mo bhuaireadh.
Eòin is moiche a thèid air sgiathan, 'S a dhìreas suas ann an àird na h-iarmailt, Na bitheadh là a thig fad na bliadhna 'S nach seinn thu seòl do mo Mhàiri chiataich.
Ach cha dean eala air slios nam mòr-thonn, Cha dean smeòrach am badan bòidheach, 'S cha dean na h-innealan ciùil ach crònan An uair a sheinneas mo Mhàiri bhòidheach.
Ged a bhiodh mi gu tùrsach, cianail, 'S mo chridh' le cùram gu mòr air lìonadh, Ni do ghnùis-sa, a tha mar ghrian domh, Mo chridhe sunndach nuair thig thu m' fhianuis.