The Mudcat Café TM
Thread #29094   Message #4029328
Posted By: GUEST
20-Jan-20 - 09:04 PM
Thread Name: Lyr Req: Newry Boat Song (Gaelic)
Subject: RE: Lyr Req: Newry Boat Song (Gaelic)
/

Gur e mo ghille dubh dhonn
Gur tu mo chuilean rùnach
Gur e mo ghille dubh dhonn.

'S ann a-raoir nach d'fhuair mi an cadal
Bha mi fad' nam dhùsgadh.

Smaointinn air an fhear a thrèig mi
'S nach d'rinn feum dha chùmhnant.

Chuala mi gun d'rinn thu pòsadh
Dhòmhnaill as an Iùbhraidh.

Och mo chreach mar tha mi a-nochd
Trom osnaich, 's mi gad ionndrainn.

Am fear a dh'fhalbh air bàt' an t-sìl
A tha mi fhìn ag ionndrainn.

Dol seachad Rubha nan Leac' Uaine
Dòmhnall Ruadh ga stiùireadh.

Dhòmhnaill Dhuinn ma rinn thu m' fhàgail
Fios mo chràidh gad ionnsaigh.

B'fheàrr leam eireachdas do phearsa
Na Sasann le ionntas.

B'fheàrr leam fhìn a bhith riut pòsda
Na cuid òir a' Phrionnsa.

'S fheàrr an t-olc a chleith na chlaisneachd
'S math leam fada null thu