The Mudcat Café TM
Thread #168388 Message #4068214
Posted By: RunrigFan
13-Aug-20 - 08:42 AM
Thread Name: Lyr Add: Oran Beinn-Li
Subject: Lyr Add: Orain Beinn-Li
The song has been covered by Arthur Cormack and Catherine Ann-MacPhee
Thugaibh taing dhan a’ mhuinntir
Tha fo riaghladh na Bànrigh,
Rinn an lagh dhuinn cho diongmhalt’
’S nach caill sinn Beinn Lì.
Cuiribh beannachd le aiteas
Gu tuathanaich Bhaltois.
Bha air tùs anns a’ bhatail,
’S nach do mheataich san strì.
Thugaibh beannachd gu “Pàrnell”,
Thug a’ bhuaidh air “An t-Sàtan”,
Chor ’s nach fhaicear gu bràth e
Tighinn air àrainn na tìr.
Nuair a thàinig e chiad uair
Leth-cheud “aingeal” fo riaghladh,
Chuir e còignear an iarainn
Ann an crìochan Beinn Lì.
Chaidh an giùlan leis “na h-ainglean”,
’S an glasadh an gainntir;
’S a dh’aindeoin cumhachd an nàimhdean,
’S leò am fonn is Beinn Lì.
’S na mnathan bu shuairce
’S bu mhodhaile gluasad,
Chaidh an claiginn a spuaiceadh
Ann am bruachan Beinn Lì.
Siud a’ bheinn a tha dealbhach,
’S dhan a’ Bhànrigh bha sealbhach,
’S chan eil beinn ann an Albainn
’N-diugh cho ainmeil ’s Beinn Lì.
’S ged tha ’n Cuiltheann is Glàmaig
Measg nam beanntan as àille,
Cha bhi ’n eachdraidh air a fàgail
Ach aig sàiltean Beinn Lì.
https://thepeoplesvoice.glasgow.ac.uk/song-ben-li-cathy-ann/
Full song
Òran Beinn Lì
Thugaibh taing dhan a' mhuinntir
Tha fo riaghladh na Banrigh,
Rinn an lagh dhuinn cho diongmhalt'
'S nach caill sinn Beinn Lì.
Cuiribh beannachd le aiteas
Gu tuathanaich Bhaltois
Bha air tùs anns a' bhatail,
'S nach do mheataich san strì.
Thugaibh beannachd gu 'Pàrnell'
Thug a' bhuaidh air 'An t-Sàtan',
Air chor 's nach faicear gu bràth e
Tighinn air àrainn na tìr.
Nuair thàinig e chiad uair
'S leth-cheud 'aingeal' fo riaghladh,
Chuir e còignear an iarainn
Ann an crìochan Beinn Lì.
'S na diùlnaich a b' uaisle,
'S nach robh riamh ann an tuasaid,
Chaidh na ruighich a shuaineadh
Gu cruaidh air an dùirn.
Chaidh an giùlan leis 'na h-aingle'
'S an glasadh an gainntir;
'S a dh'aindeoin cumhachd an nàimhdean,
'S leo am fonn is Beinn Lì.
'S na mnathan bu shuairce
'S bu mhodhaile gluasad,
Chaidh an claiginn a spuaiceadh
Ann am bruachan Beinn Lì.
'S ged bha 'n sealladh na uabhas,
'S an fhuil a' reothadh san luachair
Le slacain nan truaghan,
Cha d' fhuair iad Beinn Lì.
Siud a' bheinn a tha dealbhach,
'S dhan a' Bhanrigh bha sealbhach,
'S chan eil beinn ann an Albainn
'N-diugh cho ainmeil 's Beinn Lì.
'S math an colaist' am prìosan –
'S fhad' o dh'aithnich mi fhìn sin –
Ach thig buaidh leis an fhìrinn
Dh'aindeoin innleachd nan daoi.
'S math an colaist' an Calton -
'S ceart a dh'fhoghlaim e 'm 'Martar',
Ged bha cuid thug às acaid
Leis an rachd bha nan crìdh'.
'S nis, a chroitearan ionmhainn,
Cumaibh cuimhn' air MacAonghais,
'S dèanaibh sòlas ri iomradh
An duine shuilbheara, ghrinn.
'S ged a dh'fhàg e ar sràidean
Le bhanoglach bhàidheil,
Tha i son' ann a Bhàlaigh
Dol gu àirigh cruidh-laoigh.
'S i athchuing' is ùrnaigh
Gach bochd a bha dlùth dhi
Gum bi toradh an dùrachd
Na cùrsan a-chaoidh.
Arthur Cormack's version
https://www.youtube.com/watch?v=Lxrmb7WbbqY
https://www.youtube.com/watch?v=hpHfMDmgtL0
Not sure if same words are sung