The Mudcat Café TM
Thread #168694   Message #4074538
Posted By: RunrigFan
06-Oct-20 - 06:06 PM
Thread Name: Lyr Add: Nuair Bha Mi Og
Subject: Lyr Add: Nuair Bha Mi Og
Moch 's mi 'g éirigh air bheagan éislein
Air madainn Chéitein 's mi ann an Os
Bha spréidh a' geumnaich an ceann a chéile
'S a' ghrian ag éirigh air Leac-an-Stòrr
Bha gath a' boillsgeadh air slios nam beanntan
Cur tuar na h-oidhche 'na dheann fo sgòd
Is os mo chionn sheinn an uiseag ghreannmhor
Toirt 'na mo chuimhne nuair bha mi òg

Toirt 'na mo chuimhn' iomadh nì a rinn mi
Nach faigh mi 'm bann gu ceann thall mo sgeòl
A' falbh 'sa gheamhradh gu luaidh is bainnsean
Gun solas lainnteir ach ceann an fhòid
Bhiodh òigridh ghreannmhor ri ceòl is dannsa
Ach dh'fhalbh an t-ám sin 's tha 'n gleann fo bhròn'
Bha 'n tobht aig Anndra 's e làn de fheanntaig
Toirt 'na mo chuimhne nuair bha mi òg

Nuair chuir mi cuairt air gach gleann is cruachan
Far 'n robh mi suaimhneach a' cuallach bhó
Le òigridh ghuanach tha nis air fuadach
De shliochd na tuath bha gun uaill gun ghò
Na raoin 's na cluaintean fo fhraoch is luachair
Far 'n tric na bhuaineadh leam sguab is dlò
'S nam faicinn sluagh agus tighean suas annt'
Gum fàsainn suaimhneach mar bha mi òg

Nuair chuir mi cùl ris an eilean chùbhraidh
'S a ghabh mi iùbhrach na smùid gun seòl
Nuair shéid i 'n dùdach 's a shin an ùspairt
'S a thog i cùrsa o Thir a' Cheò
Mo chridhe brùite 's na deòir le m'shùilean
A' falbh gu dùthaich gun sùrd, gun cheòl
Far nach faic mi cluaran no neòinean guanach
No fraoch no luachair air bruaich no lòn

Also seen here https://cdn.shopify.com/s/files/1/0247/5213/files/Songwords_Arthur_Cormack_Nuair_Bha_Mi_Og.pdf