The Mudcat Café TM
Thread #168694 Message #4074578
Posted By: GUEST,Rory
07-Oct-20 - 04:05 AM
Thread Name: Lyr Add: Nuair Bha Mi Og
Subject: RE: Lyr Add: Nuair Bha Mi Og
Here are seven verses. I don't have the full translation
Moch 's mi 'g éirigh air bheagan éislein Air madainn Chéitein 's mi ann an Os Bha spréidh a' geumnaich an ceann a chéile 'S a' ghrian ag éirigh air Leac-an-Stòrr Bha gath a' boillsgeadh air slios nam beanntan Cur tuar na h-oidhche 'na dheann fo sgòd Is os mo chionn sheinn an uiseag ghreannmhor Toirt 'na mo chuimhne nuair bha mi òg
Toirt na mo chuimhne le bròn is aoibhneas, Nach fhaigh mi cainnt gus a chur air dòigh, Gach car is tionndadh an corp 's an inntinn, Bhon dh'fhàg mi 'n gleann 'n robh sinn gun ghò; Bha sruth na h-aibhne dol sìos cho tàimhidh, Is toirm nan allt freagairt cainnt mo bheòil, 'S an smeòrach bhinn suidhe seinn air meanglan, Toirt na mo chuimhne nuair bha mi òg.
Nuair bha mi gòrach a' siubhal mòintich, 'S am fraoch a' sròiceadh mo chòta bàn, Feadh thoman còinnich gun snàthainn a bhrògan, 'S an eigh na còsan air lochan tàimh; A' falbh an aonaich ag iarraidh chaorach, 'S mi cheart cho aotrom ri naosg air lòn, Gach bot is poll agus talamh toll, Toirt na mo chuimhne nuair bha mi òg.
Toirt 'na mo chuimhn' iomadh nì a rinn mi Nach faigh mi 'm bann gu ceann thall mo sgeòl A' falbh 'sa gheamhradh gu luaidh is bainnsean Gun solas lainnteir ach ceann an fhòid Bhiodh òigridh ghreannmhor ri ceòl is dannsa Ach dh'fhalbh an t-ám sin 's tha 'n gleann fo bhròn' Bha 'n tobht aig Anndra 's e làn de fheanntaig Toirt 'na mo chuimhne nuair bha mi òg
Nuair chuir mi cuairt air gach gleann is cruachan Far 'n robh mi suaimhneach a' cuallach bhó Le òigridh ghuanach tha nis air fuadach De shliochd na tuath bha gun uaill gun ghò Na raoin 's na cluaintean fo fhraoch is luachair Far 'n tric na bhuaineadh leam sguab is dlò 'S nam faicinn sluagh agus tighean suas annt' Gum fàsainn suaimhneach mar bha mi òg
An uair a dhìrich mi gual an t-Sìthein, Gun leig mi sgìos dhìom air bruaich an lòin; Bha buadhan m' inntinn a' triall le sìnteig, Is sùil mo chinn faicinn loinn gach pòir; Bha 'n t-sòbhrach mhìn-bhuidh' 's am beàrnan-brìde, An cluaran rìoghail, is lus an òir, 'S gach bileag aoibhneach fo bhraon na h-oidhche, Toirt na mo chuimhne nuair bha mi òg.
Nuair chuir mi cùl ris an eilean chùbhraidh 'S a ghabh mi iùbhrach na smùid gun seòl Nuair shéid i 'n dùdach 's a shin an ùspairt 'S a thog i cùrsa o Thir a' Cheò Mo chridhe brùite 's na deòir le m'shùilean A' falbh gu dùthaich gun sùrd, gun cheòl Far nach faic mi cluaran no neòinean guanach No fraoch no luachair air bruaich no lòn