The Mudcat Café TM
Thread #168694   Message #4074674
Posted By: RunrigFan
07-Oct-20 - 04:40 PM
Thread Name: Lyr Add: Nuair Bha Mi Og
Subject: RE: Lyr Add: Nuair Bha Mi Og
Donnie Munro

Moch 's mi'g éirigh air bheagan éislein

Air madainn Chéitain 's mi ann Os

Bha spréidh a' geumaich an ceann a' chéile

'S a' ghrian boillsgeadh air slios nam beanntan

Cur tuar na h-oidhche 'na dheann fo sgòd

Is os mo chionn sheinn an uíseag ghreannmhor

Toirt 'na mo chuimne nuair bha mi òg.


Toirt 'na mo chuimhn' iomadh ni a rinn mi

Nach fhaigh mi 'm bann gu ceann thall mo sgeòil

A 'falbh 'sa gheamradh gu luaidh is bainnsean

Gun solus lainnteir ach ceann an fhòid

Bhiodh òigridh ghreannmhor ri ceòl is dannsa

Ach dh' fhalbh an t-am sin 's làn de fheanntaig

Cur 'na mo chuimne nuair bha mi òg.


Nuair chuir mi cuairt air gach gleann is cruachan

Far 'n robh mi suaimhneach a' cuallach bhò

Le òigridh ghuanach tha nis air fuadach

De shliochd na tuath bha gun uaill gun ghò

Na raoin 's na cluaintean fo fhraoch is luachair

Far 'n tric a bhuaineadh leam sguab is dlòth

'S nam faicinn sluagh agus tighean suas annt'

Gum fàsainn suaimhneach mar bha mi òg.