The Mudcat Café TM
Thread #169050   Message #4084760
Posted By: RunrigFan
23-Dec-20 - 06:29 PM
Thread Name: Lyr Add: An Ubhal As Airde
Subject: Lyr Add: An Ubhal As Airde
Còmhla rium
A tha thu an dràsd
Mo shuilean duinte, mo chuimhne dàn
Nam sheasamh a' coimhead
Gach cnoc is gach tràigh
Is an sìol a dh' fhàg thu ann a' fàs


Tha an gàrradh làn
Le craobhan treun
Le meas a' fàs dhuinn ann ri bhuain
Ubhlan abaich
Milis geur
Ach tha aon ubhal nach ruig sinn idir air


Seididh gaoth is dearrsaidh grian
Tro mheas nan craobhan linn gu linn
Ach thig an là is thig an t-àm
Airson an ubhal as àirde
Air a' chraobh a' bhuain


Is cò 'nar measg
A mhaireas là
Seachad air àm is air oidhche fhèin
A' liuthad uair
A shreap mi suas
Airson an ubhal as àirde chur gu beul


Seididh gaoth is dearrsaidh grian
Tro mheas nan craobhan linn gu linn
Ach thig an là is thig an t-àm
Airson an ubhal as àirde
Air a' chraobh a' bhuain